Chan urra dhut mòran a thoirt bhon ainm am film seo. Shaoil mi ‘s doch’ gur e spin off do
Crouching Tiger Hidden Dragon a bh’ann ach bha mi cho fada fada cearr. ‘S e seorsa do Napoleon Dynamite a tha
seo ach tha a h-uile caractar cho gòrach ri Napoleon fhein! ‘Se Comadaidh air leth tha seo, steidhichte ann an Seallan Nuadh (New Zealand) le caractairean a dh’aithnicheas sinn uile, air a chluich le cleasaichean miorbhailleach! Tha sinn a leantainn beatha Lily MacKinnon eadar dhith a bhith fuireach còmhla ris a bhràthair aice agus a bhi ag obair aig Meaty Burger comhla ri tòrr deugairean. Chan eil an obair a còrdadh rithe idir ach chan eil mòran a thachairt ann am beatha Lily. Mar sin tha i tuiteam fo bhròin nuair a chualas i gu bheil i air an obair aice a chall agus nach faic i duine na
h-aislingean aice a rithist tuilleadh! A h-uile latha tha Jerrard a tighinn a steach aig an aon uair airson an aon dìnnear agus tha e foilleasaich bho guth Lily gu bheil i beo airson na tachartasan tha seo! Agus an uairsin tha i a cluinntinn gu math gòrach le mar Sad-sack bho “The Raggy Dolls” le blas a Sheallan
Nuadh.
Tha
Jerrard cho “geeky” sa ghabhas: Mar
a bhios e coiseachd ‘s a’ bruidhinn, am falt sleamhainn ‘s na speuclairean mòr
aige agus an obair aige ann am bùth gheamanan coimpiutair. Tha e cuir iongnadh oirnn nuair a nochdas e le cuiridhean airson partaidh a tha e a cumail ach tha e deanamh ciall nuair a chluinneas tu gu bheil feum aig a h-uile duine nochdadh le deise don beothach as fhearr dhiuth orra!
Tha
e a creidsinn, ged tha, gur e duine “cool” a th’ann agus troimhn film tha e
daonan a feuchainn air stùth cool a dheanamh airson d’aire a ghlacadh. ‘S e
moladh rudeigin nach d’fhuair e na leanabh agus ‘s e sin a tha e ag iarraidh
barrachd na rud sam bith. Tha e cho
cudthromach do Jerard gum faic daoine e ann an deagh sholais gu bheil e
feuchainn ro chruaidh mar is trice a nàireachadh fhein agus a nàireachadh an
teaghlach aige. Mar a chanadh e
fhein “Ug, I’m so Complex!” Tha
“Stop-animation” anns am film tha seo cuideachd agus tha ag obair cho math
comhla ris an sgeul tha e neonach! Ann an saoghal làn CGI agus 3D animation tha e na ghaoth glan seo
fhaicinn air an sgrìn mhòr.
Chan eil mòran eile ann as urra dhomh ràdh mu dheidhinn am film gun a
bhith toirt seachad an sgeul ach canaidh mi seo. Chan ann trìc a nochdas film mar seo idir.Tha e bochd gun tainig e a mach aig an aon am ri Bourne Ultimatum agus The Simpsons... da film a tha an saoghal air a bhith feitheamh air a shon airson greis mhòr.
‘S e seo am film as fhearr a tha mi air faicinn anns na taighean Deilbh am bliadhnasa.
5/5
Airson barrachd fiosrachadh bru air: http://www.myspace.com/eaglevshark






