Skip to content

Artaigeal le: Gordon

Eilean A' Ghaoil

Uill, an aithne dhutsa duine sam bith air a’ program seo am bliadhna? A rèir coltais bha aig ITV am facal ‘Celebrity’ a dhubhadh às oir cha robh na luch-coimhead eòlach air na celebs idir!

An-uiridh, bha daoine ann a chunnaic sinn air TBh agus ann a duilleagan Heat is eile – Calum Best, Lee Sharpe, Abi Titmuss agus Jayne Middlemiss (’s e Jayne bu dòcha leam … mmmmmm!)

Ach, am bliadhna, b’ fheàrr leam a bhith air an eilean sa program ‘Lost’ na bhith gun dòchas air an eilean eagallach seo!

Cò na celebs, ma-tà?!?

Alicia Duvall: ’S e model a th’ innte. Tha i ainmeil ’son a bhith nochdadh ann an irisean gun mòran aodach oirre!

Bianca Gascoigne: Tha i ainmeil airson … uill, chan eil i ainmeil. Bha an cluicheadair ball-coise Gazza pòsda aig a màthair.

Brendan Cole: ’S e dannsair a tha ann, is bha e air Strictly Come Dancing … ach a-bharrachd air sin, cha d’rinn e mòran!

Chris Brosnan: Tha athair air leth ainmeil, oir bha e a’ cluich James Bond. Tha Chris na stiùiriche fhiolmaichean, a rèir coltais. Am faca tusa fiolm sam bith a rinn e? Cha fhaca, no mise!

Colleen Shannon: Tha i na DJ anns na Stàitean Aonaichte, agus mar Alicia nas ainmeile airson a cuid aodaich a chall air beulaibh camara.

Kelle Bryan: A-nis, feumaidh sinn aideachadh gun robh Kelle air leth ainmeil aig aon àm, mar sheinneadair sa chòmhlan Eternal. A-nis, ged nach fhaic sinn sna pàipearan i, tha i soirbheachail ann an gnìomhachas.

Lee Ottway: Chluich e ‘Bombhead’ ann an Hollyoaks, agus sheinn e anns a’ program Soapstar Superstar. Sin agad e …

Leo Ihenacho: Seinneadair anns a’ chòmhlan-ciùil The Streets. Chan urrainn dhomh tuilleadh fiosrachaidh a thoirt leibh mu dheidhinn … duilich!

Shane Lynch: Mar Kelle, bha e uabhasach ainmeil … ann am Boyzone, agus air prògraman TV. Tha a h-uile coltas ann gum buannaich esan anns a’ program seo.

Sophie Anderton: Tha i air a bhith gu math soirbheachail mar mhodel, le tòrr chùmhnantan mòra. Ach tha duilgheadasan pearsanta air a bhith aice anns na bliadhnaichean a dh’fhalbh, cuideachd.

Victoria Hervey: Tha a piuthar nas ainmeile, Lady Isabella, ach tha i air adhartas a dhèanamh air cùl a’ chamara ann an saoghal TBh.