Skip to content

sarah M

Forgetting Sarah Marshall

Mar riaghailt cha bidh mise a dol a choimhead air Rom Coms idir ach nuair a chuala gu robh Russel Brand ann bha mi airson am fear seo fhaicinn dìreach airson an cothrom a bhith ga chàinneadh! Tha e doirbh seo a radh ach chòrd e rium… an dà chuid, an Rom Com agus an coilionadh aig Brand. Flip.

sarah M2

Tha am film èibhinn bhon toiseach agus chaidh Jason Segel air an deagh chleachdadh anns am prìomh pàirt cuideachd! Bha mi a gàireachdaich bhon toiseach dhan an deireadh agus cha do chuir siàn grain orm… fiùs Russel Brand!! Chan eil Russel Brand a còrdadh rium idir… nuair a tha e a deanamh stand up, ann an sanasan, air an rèidio neo fius ann an agallamh. Bìdh e a bruidhinn tòrr treallaich, tha colas uabhasach air, chan eil e èibhinn agus chan eil e a smaointinn air duine eile ach e fhèin. Mar sin ‘se an duine ceart a bh’ann airson am pàirt seo a chluich!

sarah M3

Tha am film a tòiseachadh le briseadh cridhe aig Peter nuair a tha Sarah Marshall ga dhumpadh airson an caractair aig Brand. Tha Peter a dol air saor laithean a Hawaii airson feuchainn air a bheatha chàradh ach cò tha fuireach san aon taigh osda ris ach Sarah Marshall agus an duine ùr aice! (se rom-com a th’ann… dè eile bha e dol a thachairt!)

sarah M4

Tha Segel cho èibhinn’s a ghabhas le a bhith gearainn ‘s a ràinich airson uair an uaireadair, agus an uairsin tha e ceart cho èibhinn a gabhail spòrs air an ealain le luchd obrach an taigh-òsda, gu h’àraid le Rachel (Mila Kunis, That 70s Show) bho cùl an deasc-fàilte. Le na càraidean ùr aige tha e feuchinn ri obrachadh a mach de os cudthromach dha fheìn airson beatha sona a bhith aige.

sarah M5

Tha e doirbh airson duine do 26 bliadhna dh’aois a bhith ag radh gun do chord Rom Com ris agus ma deach an fhilm seo a dheanamh anns na seachdadan bhitheadh air a chluich le Barbra Streissand agus Robert Redford ‘s e sin gu leòr airson a bhith càll meas do chàraidean… ACH chan eil an dithis shiud anns am film idir agus tha duine amaideach nach eil eireachdail idir ‘s mar sin ‘s dòch gum faigh mi air falbh leis… ‘s dòcha.

3/5