Skip to content

gamerz 3

GAMERZ

Ann an Gamerz, tha sinn a’ leantainn Ralph, ballach a tha dol dhan oilthigh ann an Glaschu airson a’ chiad uair. Na dhìlleachd on a bha e òg, tha beatha gu math aonarach, bochd air a bhith aige a’ fuireach còmhla ri a sheanmhair ann an àite cunnartach ann an Glaschu. Tha e a faighinn faochadh bhon t-saoghal seo le bhith cruthachadh saoghal làn druidearachd mar a th’ aca ann an Lord Of the Rings… ach chan e sgeul a tha e a’ cruthachadh ach geama, le Ralph na bhritheamh cumhachdail.

gamerz 4

Aig an Oilthigh ge-tà, tha e a’ coinneachadh le grunn dhaoine a bhios a’ cluich nan geamanan seo cuideachd, nam measg tha Marlyn agus chan eil e a’ toirt fada gun a tha Ralph a’ tuiteam air a son. Goth Chick a tha creidsinn gur e “Elf” a th’ innte? Tha Ralph air a dhoigh!

gamerz wood

Tha sinn uile eòlach air obair Robbie Friseil bho “PC Alasdair Stiùbhart” agus “Air Ais Air An Ran Dan” ach ’s e seo a’ chiad film fada aige agus tha e a’ dèanamh obair mhath a’ sealltainn dhuinn na prìomh co-phairtean do bheatha oileannaich ann an Glaschu a’ dèiligeadh ri Goths, Neds agus deugairean nach eil airson fàs suas. Tha e cuideachd a’ toirt a-steach feadhainn de na seallaidhean as ainmeile ann an Glaschu, is a’ cur ceòl aig Aberfeldy, Splitback agus Iain Cook, a bh’ ann an Aereogramme, ris.

gamerz-shadowplay

Uair sam bith a tha Ralph a’ smaointinn air an t-saoghal eile tha “Shadowplay Animation” a’ dealbhadh dhuinn mar a tha an saoghal ann an ceann Ralph agus tha seo ag obair gu math le mar a tha an saoghal seo a’ tighinn gu bith… ann an macmeanmna chuideigin agus tro bhith coimhead air na faileasan seo, tha e a’ fàgail beagan airson an luchd-amharc a chruthachadh iad fhèin.

Tha Gamerz na ghaoth glan dhan saoghal filmichean agus chan e dìreach ann an Alba! ’S e obair gu tur ùr a th’ ann le tòrr a’ dol air a shon. Tha Ross Finbow uabhasach math anns a’ phrìomh phàirt agus tha am film fhèin air a losgadh ann an dòigh sònraichte math teignigeach a tha sealtainn cho math sa tha eòlas Fhriseil às dèidh dha bhith cur seachad ùine ann an sgoil-film ann an New York. Chan eil an tuigse teignigeach a th’ aig Friseil aig a’ mhòr chuid de stiùirichean Breatannach idir agus tha sinn an dòchas gum faic sinn barrachd bhuaithe san àm ri teachd.

4/5