Skip to content

Greis Gnìomhachais le Stiùideo Alba

Is mise Pòl Diùc. Tha mi fichead ‘sa dha bliadhna a dh’aois agus ‘s ann a Baile ùr an t-Slèibhe a tha mi. Bha mi aig Colaiste Sabhal Mòr Ostaig airson trì bliadhnaichean mus d’ rinn mi an cùrsa Tbh.

Nuair a dh’fhàg mi a cholaisde airson a ghreis gnìomhachais agam ‘s e Steòrnabhagh an rathad a bha mi feum agam siubhal. Tha mi ag obair airson Stiùideo Alba airson a phlacement agam, ag ionnsachadh stuth mu dheidhinn deasachadh agus an obair a th’aig neach deasachaidh.pol

‘Se am prìomh deasaiche aig Stiùideo Alba Aonghas MacAoidh agus an neach deasaiche a tha ga chuideachadh Catriona MacAoidh agus tha mise air a bhith a cuideachadh an dithis aca leis an stuth a tha iad a cur a mach air an Sianail Digiteach Tele G. Tha mi air a bhith a cur ri chèile promo’s a bhios a dol eadar prògraman is a bhios ag innse mu prògram ùr a tha tighinn chun an t-sianail. Tha mi air feadhainn a dhèanamh airson Eòrpa, An caman, Dun Dearrsa agus Sgaoileadh nan sgeul.

An dràsta aig Stiùideo Alba tha sinn ag obair air ‘Seachd’ film ùr Gàidhlig a chaidh a dhèanamh ann an Slèite air an t-Eilean Sgitheanach. Bidh mise a togail uile de na takes far na teipichean is ga chur air a choimpiutair agus tha Aonghas is Catriona ga ghearradh.

‘S e na diofar innealan a tha sinn a cleachdadh, ‘s iad Avid agus Smoke Discreet agus feadhainn den stuth a bhios sinn a cleachdadh air na compiutairean ‘s iad Photoshop, Adobe Premier agus After Effects. Tha iad seo math airson a bhith a cur rudan ris an teip mar graphics is na rundowns aig deireadh a phrògram is rudan mar sin.

Bidh mi deiseil a ghreis gnìomhachais agam anns an Dàmhair ach tha an àite is an obair a còrdadh rium is tha mi an dòchas gum bidh obair an seo dhomh as dèidh a phlacement seo.