Skip to content

hallam wild

HALLAM FOE

Tha Jamie Bell air ais airson a’ chiad uair on a thàinig Billy Elliot a-mach ann an 2000 ach as dèidh nam bliadhnaichean a chuir e seachad anns na Stàitean, ciamar an do thog e blas Albannach?! Co-dhiù, tha e a’ cluich Hallam, gille a tha caran neònach, a chaill a mhàthair agus a-nis gu bheil rùnaire a h-athair air gluasad dhan taigh aige tha cùisean a fàs gu math doirbh dha.

Tha Hallam a’ leantail beatha aonarach, a’ sreap craobhan ’s a’ coimhead air daoine gu dìomhar. Tha a mhacmeanmna a’ ruith le cuimhnichean a mhàthair fad na h-ùine ’s mar sin tha e uabhasach suspaideach air mar a bhàsaich i agus a h-uile duine mun chuairt air, gu h-àraid am boireannach a tha feuchainn air àite a mhàthair a thoirt ri taobh athair.
hallam peep
Deiseil san sgoil, tha Hallam a’ dèanamh air Dùn Èidinn far a bheil e cumail suas leis na seann chleachdaidhean aige ann an àrainneachd ùr agus tha e tòiseachadh a’ leantail boireannach a tha cur a mhàthair na chuimhne.

Ged gur e cuspair gu math eagalach a th’ ann an “Sealgaireachd-dhaoine” (stalking) tha Jamie Bell a’ dèanamh obair uabhasach fhèin math a’ cruthachadh caractar leis a tha an luchd-amharc ag aontachadh. Tha Alan Rickman (Die Hard) a’ cluich athair ann an dòigh gu tùr ùr bho phàirt sam bith eile a tha e air cluich ron a seo. Ach tha e air a bhith typecast na dhroch dhuine airson cho fada a-nis, nach urrainn dhomh bhith ga faicinn ann an solas ùr.
hallamandlady
’S e film math a tha seo ach tha deireadh caran lag air. Tha an ceòl gu tùr Albannach ge- tà agus tha e ag obair sgoinneil fhèin leis an àrainneachd! Mar sin, chanainnse gum bu chòir dhuibh am bhideo fhaighinn air màl agus an CD a cheannachd!

4/5