Hiort: "eilean-mara fada bho thìr"
Tha mi air a' bhàt'-iasgaich 'An Cuma', a' seòladh a-mach à Uig, Eilean Leòdhais, air a' Chuan Siar, tron dorchadas a dh'ionnsaigh Hiort. Tha sgioba fiolm air bòrd, a tha an sàs ann am pròiseact-ciùil/drama mu bheatha is eachdraidh muinntir Hiort. Cluinnidh sibh barrachd mu dheidhinn tro na mìosan ri teachd. Co-dhiù, tha mise nan measg, chaidh iarraidh orm tighinn beagan làithean roimhe, is mi gu bhith toirt seachad cuideachadh dhaibh 's an roinn-ealain. Seall seo a-nis, seo an ceathramh fiolm anns a bheil mi an sàs, 's ann mar sin a tha e ag obair, aon uair 's gu bheil daoine a' fàs eòlach ort is bidh iad a' smaointinn ort airson pròiseactan ùra. Feumaidh tu bhith dìcheallach is sgiobalta san obair gun teagamh, ach ma tha, gheibh thu cothroman leithid seo.
Mar sin, sin mise, air bòrd An Cuma, feuchainn ri cadal fhaighinn, caran duilich, is an soitheach a' luasgadh air muir mhòr, ( agus am fear anns a' bhunc eile a' dèanamh srann gu h-àrd...). Bha gach duine againn air bhoil co-dhiù is bha feadhainn a' còmhradh gu h-anmoch mu na bha romhainn. Cha d'fhuair duine againn mòran fois an oidhche a bha siud.
An ath-mhadainn is a' chiad shealladh bhon bhàta, an acarsaid Hiort - bagh a tha cianail farsaing a' dèanamh leth-chearcall cha mhòr mun cuairt oirnn.
'S e saoghal eile a tha ann, àite sònraichte gun teagamh. Chan urrainn dhut a tuairisgeul a thoirt air, ach a bhith ag ràdh gu bheil thu tuigsinn gu bheil thu ann an àite iongantach, iomallach, aonaranach. Tha thu dha-rìreabh aig oir an t-saoghail. Tha thu a' faireachdainn caran eagalach ach cumhachdach aig an aon àm. Chan eil mi dol a chanail mòran eile, leigidh mi leis na dealbhan bruidhinn ..
Seo a' chidhe far a bheil thu dol air tìr, chì thu taigh an fhir a tha ag obair aig Urras Nàiseanta na h-Alba, 's ann leothasan a tha Hiort an-diugh. Tha e air a chomharrachadh le UNESCO mar Làrach Dualchas na Cruinne, tuigidh tu carson.
Seo na caoraich Hiortach, tha iad diofraichte, nas coltaiche ri gobhair. Gu math socair chanainn, cleachdte ri luchd-turais.
'S e fear de na "cleits" a tha seo, tha ceudan dhuibh ann.
Air mullach Hiort, rinn sinn fiolmadh an seo, abair sealladh brèagha.
Seo an sgioba a' cur ghnothaichean air dòigh 'son scene eile. Chì thu cho cas 's a tha na beanntan.
Hiort fo cheò, is sinn a' fàgail.
Tha iad seo feadhainn de na stacan mara as àirde anns an Roinn Eòrpa, fear dhuibh ag èirigh faisg air 200 meatair às a' mhuir.
Seo Stac an Armainn, tha na h-eòin-mara (an sùlaire, am fulmair, am buthaigre agus an làmhaidh) a' fuireach. Tha na ceudan de mhìltean ann. Tha e a' drùidheadh ort gu bheil e air a chòmhdachadh le sneachd.
Sealladh mu dheireadh againn de Hiort ach bidh mise ga cuimhneachadh fad mo
bheatha. Cha chan mi an còrr, ach ma gheibh thu fhèin cothrom
a dhol ann, na smaoinich mu dheidhinn, dèan e - is mòr a b' fhiach
e.






