I am Legend
Tha e uabhasach doirbh a bhith bruidhinn air film mar seo gun a bhith toirt air falbh an sgeul dhuibh ach tha mi fortanach gu bheil iad fhèin air an sgeul a thoirt seachad leis an tagline ‘The Last Man On Earth Is Not Alone”. Airson film nuair nach eil sian a’ tachairt airson a’ chiad uair an uaireadair agus tha thu dìreach carson an innseadh tu dhan luchd-amharc agad gu bheil e dol a choinneachadh ri cuideigin?!

Tha eagal orm nach eil mòran ann ri ràdh mu dheidhinn I am Legend. Tha e a’ tòiseachadh mar a tha a’ chuid den fhilm Cast-Away ach an àite bàll airson càraid tha cù aige. Tha Will Smith uabhasach math anns an fhilm seo agus tha feum aige a bhith cuideachd! Tha e na aonar airson can 70% dheth, agus nuair a tha e coinneachadh ri daoine eile tha dìreach dithis ann nach deach a dhèanamh a-mach à CGI! Tha CGI a’ cluich pàirt uabhasach mòr anns an fhilm seo ge-tà agus cha bhìodh e comasach an fhilm seo a chur ri chèile gun a bhith cleachdadh tòrr dheth.
Dh’fhilm iad a h-uile sian uabhasach tràth gach madainn ann an New York nuair nach robh duine mun chuairt ach ’s e New York am “baile mòr nach cadail idir!” ’S mar sin cha bhiodh an t-àite falamh aig uair sam bith nas motha… a bharrachd air sin tha an t-àite anns an fhilm air a bhith falamh airson bliadhnaichean agus bha feum aca air a h-uile bheileag fheoir agus beothach a chur ann às dèidh làimh.

Tha coltas uabhasach fhèin math air an fhilm agus mas e ’s gun robh sgeul ùr ann bhithinn ag ràdh gum bu chòir dhuibh a dhol ann airson fhaicinn ach chan eil gu leòr ann airson seo. Tha Will Smith uabhasch math ann ach tha e gu math soilleir dhomhsa gu bheil e a’ dèanamh a h-uile sian na chumhachd airson Oscar fhaighinn tro bhith dèanamh Ali agus a-nis a’ dèanamh film far nach eil pàirt mhòr aig duine sam bith eile ach e fhèin. An fhìrinn innse chan ann an “I am Legend” ach film zombie eile aig deireadh an latha agus tha mìlltean de dh’fhilmichean Zombie ann a tha nas fheàrr na am fear seo.
’S e Biopic gu math trom a tha seo air cuideigin nach robh beò ’s mar sin chan eil adhbhar ann airson film eile mar seo. Chan e sin am bu chòir a bhith ann am film Zombie idir agus ma tha thu airson fear ceart fhaicinn thèid a choimhead air Planet Terror. (link)








