...and the Kingdom of the Crystal Skull
As dèidh 19 bliadhna air falbh, tha Indiana Jones mu dheireadh thall air ais! Cha robh fhios ‘m co ris a bhiodh Harrison Ford coltach, is e 64 nuair a bha iad a filmeadh. Tha e fhèin ag ràdh aig toiseach an film nach bidh cuisean cho furasta dha sa b’abhaist, ach cha chànain ‘sa idir gu bheil coltas sam bith air gu bheil e air slaodachadh leis an aois. Tha e fhathast comasach gu leòr ann an sabaid!

Tha am film a’ tòiseachadh aig astar, le Ford agus a charaid air a shlaodadh a mach a boot car ann an Area 51. Tha buidheann Ruiseanaich a lorg rudeigin droigheal is dìomhaireachd (ann an film Indiana Jones? Smaoinich!) ach tha feum aca air cuideachadh Dòtair Jones a’ lorg. Tha e a’ faighinn air falbh ann an dòigh gu math annasach, ach a bharrachd air na Ruiseanaich a tighinn as a dhèidh, tha e ann an trioblaid leis an riaghaltas aige fhèin. Tha cùisean a fàs fiù ’s nas inntinniche dha nuair a tha gille ga lorg airson cuideachadh fhaighinn a’ mhàthair agus caraid dha a lorg.

Tha na aon-liners èibhinn, tha an sabaid luath agus tha cleasan neo-chreidmhich anns a h-uile àite. Tha a whip, gunna, còta leathar, agus an ad fhathast aige cuideachd, dìreach mar a bhiodh dùil. Airson a chiad 90 mionaid, tha an t-uabhas a tachairt air feadh an àite. Tha rudan a fàs caran neònach anns an leth uair mu dheireadh dhen film, le druidhearachd fìor iongantach a tachairt (fiù ‘s nas neònaiche nan holy grail a bh’aige roimhe), ach chan e rud dona a tha seo!

Ma chord na filmichean eile riut, neo tha sibh measail air film làn tachartasan, mholaidhainn an Indiana Jones ùr. Ged a tha e a dol caran neònach faisg air an deireadh, tha mi a’ smaoineachadh gur e film fìor mhath a th’ann, is chord e ruim gu mòr. Chan fheum thu ach a bhidh toilichte rud sam bidh a chreidsinn, is cha bhidh trioblaid sam bidh agad leis an fhilm. Is a bharrachd air a h-uile sìon eile a th’anns am film, dh’ionnsaich mi gu bheil fridge fada nas fheumaile na bha mi an dùil!
Iain Robasdan







