‘S e oidhche dhubh, dhorcha a bh’ ann, bha an oidhche cho dubh ri feannag! Bha a’ ghaoth cho làidir ri fuamhaire! Aon mhionaid bha mi nam shuain chadal agus an ath mhionaid bha mi air fleod!
Bha na rionnagan a’ deàrrsadh anns an adhar mar daoimeanan. Bha a’ ghealach cho cruinn ri ball agus a’ lasadh soilleir . Shìn mi mo làmh a-mach gu ruige nan sgothan agus chur e iongantas orm a chionns nach robh iad idir bog mar a bha mi an dùil a bhiodh iad.
Chaidh plèana beag seachad orm cho luath ri Ferrari! Leis
a’ ghaoith a rinn e, sheas m’ fhalt mar bhioran ghraineag! Smèid daoine rium
a-mach às a’phleàna. Bha na daoine uile a’ còimhead cho àghmhor ri cleasaichean
a chionns gun robh iad a’ falbh air saor-làithean gun An Spàinn grianach, nach
iad a bha fortanach!
Air mo làmh chlì, cha mhòr nach do bhuail mo chlaigeann ann an rudeigin a bha cho fuar ri sneachda agus cho cruinn ri orainsear. Mhothaich mi do chreutairean beag, caol, soilleir-uaine a’ snàgail air uachdar na planaid. Thug mi an aire do shoidhne ùr air an robh, Mars sgrìobhte. Bha mi air bhioran oir bha mi cho faisg air planaid diofraichte.
Bha na creutairean seo a’ coimhead cho neònach! Bha iad cho uaine ri feur le bioran air an ceann. Bha coltas deamhannan orra uile. Bha iad a’ dannsadh mun chuairt cho aotrom ri rabaidean air an casan a bha caol agus fada. Dh’èigh mi air aon dhiubh, Dè tha dol anns an t-saoghail agaibhse? Choimhead e ormsa le aodann làn iongantas a chionns nach do thuig e mi, blsaouce baxuolbaz…smaoinich mi nach e Gàidhlig a bha na creutairean beaga seo a’ bruidhinn! Cha do thuig mise aon fhacail dheth! Feumaidh gur e cànan nan aliens a bh’ ann. Leig mi beannachd le muinntir Mars agus chum mi orm a’ bobadaich tro na sgothan. ‘S e bristeadh-dùil a bh’ ann nach do thuig mi freagairt an alien a chionns gun robh e air còrdadh rium na dèideagan aca fhaicinn. Saoil an robh computairean aca? Saoil an robh iadsan a’ cluich snap?!
Chaidh mi thairis air tòrr bhailtean diofraichte gus an do ràinig mi baile mòr Lunnainn. Bha meadhan a’ bhaile cho trang. Bha na mìltean de chàraichean air na rathaidean agus bha iad cho beag ri biastagan bho an adhar. Cha mhotha gum b’ urrainn dhaibh gluasad le cho trang sa bha e. Chunnaic mi na milleanan de dhaoine a’ ruith mun chuairt cho trang ri seangan.
Chunnaic mi na ceudan calmain aig an stèisean trèana. Bha iad ag ithe sliseagan agus teoclaid. Bha iad cho reamhar ri ball-coise. Is iongantach gur e sgread nan calman a dhùisg às mo shuain mi agus mi a-nis fadalach airson na sgoile! Nach mi a bha toilichte a bhith air fleod os cionn bhaile Lunnainn an àite a bhith air cùl deasg a strì ri saidheans!!

Air a sgrìobhadh le Louis Neat, Ulapul






