Skip to content

lustcaut3

LUST, CAUTION

Stèidhichte ann an Shanghai anns an dàrna cogadh, tha Lust Caution a’ cur fàilte air Ang Lee a-rithist às dèidh dha faisg air còig bliadhna deug ann an Hollywood. Às dèidh tòrr filmichean ainmeil le stoidhlichean eadar-dhealaichte mar The Hulk, Sense and Sensibility agus The Ice Storm, ’s e obair math dha-rìribh a th’ ann!
lustcaut1
Mar a shaoileadh tu bhon tiotal tha muinnearachd a’ cluich pàirt mhòr anns an fhilm ach chan e sin an rud as cudromaiche mu dheidhinn agus tha tòrr a bharrachd a’ dol anns an fhilm seo airson pìos ealain a dhèanamh a-mach às. Tha sinn a’ leantainn grunn oileanaich a tha làn ghradh-dùthcha, gu h-àraidh cho fhad’ sa tha iad fo smachd na Iapanaich anns an dàrna cogadh.
lustcaution5
Às dèidh dhaibh a bhith a’ cur air dealbh-cluich anns an sgoil aca airson tìreachas an dùthaich a thogail, tha iad a’ smaoineachadh gun urrainn dhaibh barrachd a dhèanamh airson an dùthaich le na sgilean aca; ach an urrainn dhaibh an leum cunnartach a dhèanamh eadar cleasachd agus beachdadaireachd?

Tha iad a’ toirt an uallaich orra fhèin feuchainn ri cuir às do fear dheth na daoine as cumhachdach anns an cogadh, cuideigin a chur a chùl air an dùthaich aige airson am beatha aige fhèin a bhrosnachadh air taobh nan Iapanaich.
lustcaut2
Anns a’ chiad film aice, tha Wei Tang a’ dèanamh obair mhiorbhaileach a’ cluich Wong Chia Chi, am beachdair as fheàrr aig na saighdearan saorsa (resistance fighters). Tha feum aice air cridhe an nàmhaid as cruaidhe anns an dùthaich a leathadh airson cothrom a chruthachadh dhan aghaidheachd a chur às dha.

Anns an fhilm seo tha sinn a’ faicinn Wong Chia Chi a’ fàs bho nighean gu bhith na boireannach cumhachdach ach dè chosgas sin? An urrainn dhi a bhith cho càirdeil leis an duine eagallach seo? An urrainn dhith cuimhneachadh cò i nuair a tha i a’ cur seachad a leithid de dh’ùine a’ cluich caractar eile? Carson am bu chòir dhi a bhith dèanamh seo nuair nach eil treànadh sam bith aice ann am beachdadaireachd?
lustcaut4
Film math le tòrr faireachdainnean làidir air gach taobh bhon dàrna cogadh. 4/5