Skip to content

michael clayton eye
George Clooney: Nuair nach eil e a’ dèanamh na filmichean mu dheidhinn Danny Ocean, no rom-coms le Catherine Zeta Jones, tha e a’ toirt dhuinn filmichean a tha uabhasach math, agus gu tric ’s e e fhèin an rud as fheàrr a th’ annta.

Tha Clooney a’ cluich Michael Clayton, “fixer” airson buidheann-lagha ann an New York a tha feuchainn ri aon den luchd-lagha as fheàrr anns a’ bhuidheann a chumail socair, oir tha e a’ feuchainn ri sabotàis a dhèanamh air a’ chùis a th’ aca. Chan e court-room drama a tha seo - chan eil cuimhne agam cùirt fhaicinn fiùs aon turas san film seo, ach tha an sgeulachd air innse anns an aon dòigh. Tha sinn a’ faighinn nan leisgeulan agus nam breugan, agus beag air bheag tha an fhìrinn a’ tighinn a-mach.

Chan eil am film a’ ruith ann an òrdugh sreathach ged-tà, oir tha sinn a’ faicinn an deireadh aig an toiseach, agus an uair sin tha e a’ leam air ais, gus am faic sinn carson a tha na rudan a chunnaic sinn aig toiseach an fhilm a’ tachairt. Tha an stoidhle seo a’ còrdadh ruim, agus nuair a tha charactaran matha agad, agus gu h-àraidh nuair nach eil fios agad cò tha ceart, cò a tha ag innis na fìrinn, no cò a tha earbsach, tha film math “whodunit” agad.

Tha meadhan an fhilm is dòcha gu math slaodach, agus tha fios agam nach còrd e ris a h-uile duine, ach bha e cudromach airson a bhith a’ leasachadh nan charactaran, gu h-àraidh Clayton agus a theaghlach, agus sealltainn mar a bha inntinn a’ charactar Arthur Edens ag obair (air a chluich le Tom Wilkinson).
michaelclayton
An rud as inntinnich a thug mise a-mach às an fhilm seo, ’s e gu robh Clayton math air rudan a chur ceart dhan bhuidheann-lagha, ach nuair a bha rudan air a dhol ceàrr na bheatha fhèin, cha b’ urrainn dha càil a dhèanamh airson e fhèin a chuideachadh. Cuideachd, mhothaich mi gun robh am film gu tric a’ dèanamh iomradh air an saoghal poilitigeach ann an Ameireagaidh agus mar a bhios companaidhean mòra mar is trice a’ cleachdadh airgid gus bròn agus goirteas a shlànachadh.

Film innleachdach a th’ ann am Michael Clayton, a’ dèanamh dealbh dhuinn air companaidhean mòra, làidir air an dàrna làimh agus daoine beaga nach urrainn mòran a dhèanamh air an son fhèin air an làimh eile.