Às
dèidh Intolerable Cruelty agus The Ladykillers bha mi a’ creidsinn gu
robh na Bràithrean Coen air a dhol as an ciall agus gu robh iad air
ruith a-mach à deagh bheachdan ach ann an No Country For Old Men tha
iad a’ dearbhadh dhuinn gu bheil iad air ais a’ dèanamh filmichean
miorbhaileach aig ìre Fargo agus Blood Simple.
Tha No Country For Old Men air a thogail bhon leabhar den aon ainm agus chan eil na coimeasan a’ stad an sin! Tha am film a’ leantainn an leabhair gu litireil, a’ faighinn stiùireadh bhon leabhar agus tha fiùs an duilleag mu dheireadh anns an leabhar anns an t-sealladh dheireannach san fhilm facal air an fhacal.
Dh’aithnicheadh tu na caractairean bho fhilmichean eile agus tha iad a’ leantainn na stereoypes aca gu ìre ach le blas sònraichte nam Bràithrean Coen tha thu a’ faighinn sealladh domhainn a-steach dha na cìnn aig an trì phrìomh charactair: an sealgair, an siorram agus an duine dorcha a tha sealg an t-sealgair.

Tha
na Bràithrean Coen uabhasach math air sealltainn dhuinn dè tha tachairt
gun fhàclan agus tha na cleasaichean a’ dèanamh obair math dha-rìribh,
gu h-àraidh a tha na aonar airson a’ mhòr chuid den fhilm. Tha Brolin
a’ cluich sealgair le tinneas inntinn a tha tachairt air sealladh
uabhasach ann an teis meadhan an fhàsaich far an deach “drug deal”
ceàrr.
Cha robh duine air fhàgail beò agus tha e a’ togail pòca làn airgead agus a’ falbh. Le sin ge-tà tha sgiobaidhean de dhroch dhaoine proifeasanta a bha an sàs anns an “drug deal” às a dhèidh.

Bho
seo a-mach tha an fhilm làn faireachdainnean cunnart ’s tha sinn a’
feitheamh airson trioblaid gach mionaid. ’S docha nach eil thu a’ dol
leis a h-uile taghadh a tha na caractairean a’ dèanamh tron fhilm ach
chan eil mionaid ann nuair nach eil sinn a’ tuigsinn carson a tha iad
a’ tighinn gu na co-dhùnaidhean a tha gan slaodadh nas doimhne dhan
saoghal cunnartach na lochdadh.
Tha na h-actairean uile uabhasach math anns an fhilm seo, bho Tommy Lee Jones, gu Josh Brolin gu fiùs Kelly MacDonald (Trainspotting) – ban-Albannach a tha cur blas chainnt Ameireaga a Deas oirre cho math nach aithnicheadh tu gur e “Weegie” a th’ innte bho thùs!
Film sgoinneil eile! 5/5