Skip to content

oncetop

Chan eil fhios agam an robh sibh a’ cumail sùil air na h-Oscars am-bliadhna - ach ma bha ’s dòcha gun do mhothaich sibh gun deach an duais airson an òran as fheàrr dhan phaidhir Glen Hansard agus Markéta Irglová airson Falling Slowly.

Bha e math a bhith faicinn dìreach cho toilichte ’s a bha iad an duais fhaighinn agus ’s beag an t-iongnadh. Nuair a bha iad a’ fiolmadh Once an-uiridh ann an Èirinn airson £80,000 (chosg Spider-Man 3 nas fhaisge air £130,000,000 airson eisimpleir a thoirt dhaibh mu chosgaisean fhilmichean eile!!) tha mi cinnteach nach ann air a bhith a’ faighinn Oscar bho John Travolta air beulaibh rionnagan mòr Hollywood a bha iad a’ smaoineachadh!

once2

’S e ceòladairean proifeiseanta a th’ annta agus cha robh iad fiùs air actadh a dhèanamh ach gun robh pàirt bheag aig Hansard anns an fhilm ainmeil Èirinneach ‘The Commitments’ ann an 1991 mus do thòisich a’ phròiseact seo. ’S ann leis a’ chòmhlan The Frames a thòisich e a bheatha ann an ceòl agus tha iad sin air a bhith gu math soirbheachail air feadh an t-saoghail bhon àm sin. Choinnich e Markéta, a rugadh ann am Poblachd nan Seic, nuair nach robh i ach 13 agus ann am beagan bliadhnaichean bha iad a’ clàradh ceòl ri chèile.

Aig an aon àm ri seo bha fear John Carney, a bha air a bhith anns na Frames còmhla ri Hansard, a’ sgrìobhadh an fhilm Once mu dheidhinn busker Èireannach, an càirdeas a th’ aige le tè à taobh an ear na h-Eòrpa agus an ceòl a bhios iad a’ dèanamh còmhla.

once3

Bha Markéta an còmhnaidh gu bhith a’ cluich pàirt a’ bhoireannaich ach ’s e Cillian Murphy (28 Days Later, Batman Begins) a bha gu bhith cluich am pàirt a chaidh gu Hansard mu dheireadh thall (cha robh Hansard ach a’ sgrìobhadh nan òran aig an àm seo). Bha rud beag amharas aig Murphy mu dheidhinn a bhith ag actadh le Markéta, nach robh ach 17 aig an àm, agus a bhith a’ seinn òrain mòr cumhachdach Hansard ge-tà, agus mar sin dh’fhàg e – agus còmhla ris, na riochdairean agus an t-airgead a bha ann airson filmadh.

Mar a tha fios againn ge-tà, cha do chuir seo stad orra ann an dòigh sam bith agus leis an rud beag airgead a bh’ aca chuir iad crìoch air an fhilm.

once4

A bharrachd air an Oscar tha iad cuideachd air £7millean a thoirt a-steach agus bho chionn ghoirid chaidh Falling Slowly gu àireamh a dhà ann am prìomh deich na h-Èireann.

Cha mhòr nach eil droch fhacail aig duine sam bith ri ràdh mu dheidhinn an fhilm bheag, àlainn a tha seo agus feumaidh mi fhèin aontachadh leotha. Ma tha sibh fhèin airson coimhead air, tha Once a-nis ri fhaighinn air DVD