An dàrna phairt de Grindhouse a’ togail an sgeul bho dheireadh
Death Proof. Tha
am film seo air tighinn gu bìth airson aon adhbhar agus ’s e sin airson
feìsdeadh luchd leantainn eudmhòrach filmichean. Tha Planet Terror ro
èibhinn a bhith eagallach agus às dèidh a bhith faicinn mìltean de
filmichean “Zombie” ron a seo cha robh mi smaointinn gun robh an
cothrom ann siàn as ùr fhaighinn a-mach às an roinn seo ach chòrd am
film seo rium nas fheàrr na bha mi an dùil!
Tha
am film a’ fosgladh le trailear ‘Spoof’ airson Machete… film amaideach
làn clìches a’ leantainn duine leis an t-ainm Machete, duine cunnartach
a chaidh a freumadh agus a-nis tha e dol a chur às don h-uile duine a
bha an sàs ann! Bha a h-uile duine san taigh deilbh lùbte dùbailte leis
a’ ghàireachdainn agus às dèidh sin bha iad deiseil airson rud sam bith!
Tha
Planet Terror a’ cluich suas ris a h-uile cliché anns an roinn Zombie
agus chan eil e toirt mionaid airson smaoineachadh: “Is dòcha gu bheil
sinn air a dhol ro fhada an trup seo?” Ma tha sibh air am film “From
Dusk Til Dawn” fhaicinn, bidh fios agaibh dè cho math sa tha e nuair a
tha Robert Rodriguez a’ dèanamh film far a bheil feum aige a chur às do
dh’uile-bhèistean. Tha a mhacmeanma mìorbhailleach math aige airson
suidheachan cunnartach a chruthachadh agus a bhith gan cuir ceart le
neart agus fùdar-ghunna!
Cha
chòrd e ris a h-uile duine ge-tà! Choisich dithis nighnean a-mach às an
fhilm às dèidh uair an uaireadair ach dè bha iad a’ smaointinn a bha
dol a thachairt? Cheannaich iad tiocaid airson film leis an t-ainm
Planet Terror… film air an robh iad ro òg a bhith faicinn anns a’ chiad
àite, le dealbh do bhoireannach le gunna sprèidheadh far am bu chòir do
chas a bhith! Dè seòrsa film a bha iad an dùil fhaicinn? Sleepless in
Sauchiehall St?
![planetterror1[1] planetterror1[1]](/export/sites/sgleog/dealbhan/meadhanan/planetterror1x1x.jpg)
Uill,
thug sin gàire orm agus fhuair mi tòrr thoileachas a-mach às an fhilm
gu lèir le gaire ann gach mionaid lè tòrr chleasaichean bho na
filmichean as motha bho na h-ochdadan a’ tilleadh dhan sgrìn mhòr! A
bheil cuimhne agaibh air Michael Biehn agus Josh Brolin? Tha mi
cinnteach nach eil ach bha còig mionaid de chliù aca le na filmichean,
The Terminator agus The Goonies! A bharrachd air sin ge-tà, tha sinn a’
faicinn chleasaichean ùra mar Sayid a bh’ ann an Lost agus Federico a
bh’ ann an Six Feet Under a’ dèanamh uabhasach fhèin math a’ cluich
phàirtean eadar-dhealaichte bhon a tha iad cleachdte.
Sgeulachd
amaideach air an sàr mhath a chur ri chèile! Ged am faod thu bus a
dhràibheadh tro na tuill san fhilm seo, chan eil e toirt air falbh bho
film a tha coimhead sgoinneal, làn ghaireachadaich, aigsean agus
macmeanmna! Còrdaidh am film seo ri daoine sam bith a tha tuigsinn nach
eil e feuchainn a bhith stollta fìr ’s gu bheil e ann airson
fealla-dhà. Cha chòrd e ri luchd-leantainn na “chick-flicks.”
4.5/5