Skip to content

run fat boy run for web

Film Ameirigeanach air a dhèanamh ann am Breatainn airson na h-Ameirigeanaich agus film far a bheil Simon Pegg a’ feuchainn air aire Hollywood a ghlàcadh. Mas e ’s nach robh David Schwimmer air fada ro fhada a chur seachad ag obair air “Friends” ’s dòcha gun obrachadh am film nas fheàrr ach tha è làn chreideas nach eil duine san t-saoghal air Friends fhàicinn ron a seo.

4gordon 8dennis 1egg

As dèidh cho math sa bha “Sean of the Dead” agus “Hot Fuzz” bha e doirbh a bhith coimhead air Simon Pegg ann an Run Fatboy Run. Bha e air a thoirt a-mach às an comfort-zone aige agus bha feum aige air dòighean cleasachd ùr ionnsachadh airson an fhilm seo. Chan urrainn dhut an aon rud a ràdh mu dheidhinn Schwimmer ge-tà. Bha e a’ goid feallaichean-dhà bho Friends air feadh an àite: Tha mi duilich ach dh’fhàs mise sgìth do dh’àbhachd Friends nuair a dhealaich Ross agus Rachel a’ chiad turas agus tha mi fhathast sgìth dheth! Tha e faireachdainn ceàrr a bhith faicinn Simon Pegg a’ dèanamh “Rossisms” ach an àite bhith gearan mu dheidhinn seo tha e a’ sealltainn gun urrainn do Pegg a bhith toirt stiùireadh.

’S e film sàbhailte àbhaisteach a tha seo agus tha e èibhinn ann an àiteachan. Tha Hank Azaria (“The Simpsons”, “Friends”) uabhasach math anns an fhilm, a’ cluich cuideigin a tha airson an teaghlach aig Dennis (Pegg) a ghoid airson e fhèin agus tha Dylan Moran a’ gearan ’s ag òl mar a rinn e cho math ann am “Black Books”.
7mrg 5libby 6whit

Bha am film seo air a dhèanamh airson luchd-amharc Ameirigeanach agus tha e truagh a bhith suidhe ann am Breatainn a’ coimhead film làn Bhreatainneach agus an àite dhaibh a bhith smaointinn air fealla-dha ùr tha iad a’ cleachdadh facail slang Bheurla na h-aonar airson fealla-dha! An rud as miosa na sin, ’s e ’s gu robh a h-uile duine timcheall orm a’ gaireachdainn.

Còrdaidh am film seo ri tòrr dhaoine… mas e ’s gun urrainn dhuibh a bhith faicinn seachad air na seann feallaichean-dhà aig Friends… ’s nach eil Rom-Coms a’ cur dragh ort agus nach eil… ’s nach tòisich mi bruidhinn air an duine tha sin Schwimmer….

2/5