
SEACHD: THE INACCESSIBLE PINNACLE
An ceum as motha ann am film Breatannach ann am bliadhnaichean! A’ chiad film feature length ann an Gàidhlig rìamh … ’s mar sin chan eil Gàidhlig agam airson feature length! Air a losgadh anns na sgìrean ’s na h-oiseanan as brèagha air Eilean a’ Cheò! Aodannan agus tàileantan ùr Albannach dha-rìreabh! Am fàca sibh na tha iad air sgrìobhadh mu dheidhinn anns na pàipearan?!! Chan eil facal dona aig gin aca a ràdh mu dheidhinn!Tha am film a’ toirt sùil a-steach dhan saoghal beul-aithris nan Gàidheal troimh charactair an Seanair. Aig an aon àm tha sinn a’ leantainn an càirdeis eadar e fhèin agus an ogha as òige don aon ainm, Aonghas, agus chan eil sinn fada a’ dol seachad mus ionnsaich sinn gu bheil sgeul aige airson a h-uile suidheachadh!

Às dèidh bàs a phàrantan tha Aonghas òg, a bhràthair ’s a phiuthar a’ gluasad gu taigh a Sheanair far a bheil an triùir aca air a bhogadh ann an seann sgeulachdan: bho eich-uisge suas ri cron gu dròighearachd aig àm nam Fuadaichean tha measgachadh de sgeulachdan a tha toirt dhuinn blas air dòigh beatha ar shìn sheanairean.
Agus tha sinn uile airson barrachd filmichean mar seo fhaicinn! Tha an saoghal airson barrachd fhaicinn! Tha mi cinnteach gun dèan e an t-uabhas airson ìomhaigh na Gàidhlig agus airson turasdail cuideachd!
Film math dha-rìribh agus sanasachd math dha-rìribh cuideachd! Bidh tòrr a-bharrachd daoine airson Gàidhlig ionnsachadh, bho sin tha mi cìnnteach!
4.5/5






