Artaigeal le: Mick MacNèill
"Seachd" The Inaccessible Pinnacle
Tharais air trì mìosan, an Giblean gu an t-Ògmhios, bha mi ag obair air an
fhilm “Seachd” a chaidh a chlàradh ann an Slèite ’s an t-Eilean Sgitheanach.
Chaidh a riochdachadh le Chris Young a tha air filmichean eile a dhèanamh mar
“Gregory’s Two Girls”, “Venus Peter” agus “The Final Curtain”. A bhàrr air an
seo, bhuannaich e an duais airson an fhilm as fheàrr aig na “UK Comedy Awards
2005”.
Thairis air an ùine a bha mi aig an fhilm, bha mi ag obair anns an roinn ealain is aig toiseach tòiseachaidh bha mi anns an oifis a’ dèanamh rannsachadh airson àirneis a bha iad a dol a chleachdadh anns an fhilm - abair thusa gu robh gu leòr ann ri dhèanamh!
Nuair a thàinig e gu a bhith a’ clàradh an fhilm, bha a h-uile duine ag obair cho trang agus bha na h-uaireannan obrach gu math, math fada. Bhiodh sinn uile a tòiseachadh mu leth uair às dèidh sia sa mhadainn, is bha sin a’ dol gun sguir gu seachd neo ochd air an oidhche.
Nuair a thàinig e gu deireadh na còig seachdainean a bha iad a’ clàradh, bha
a h-uile duine gu tuiteam seachad air a chèile le cion a chadail! Ach bha deagh
chriù ag obair air an fhilm agus bha deagh spòrs aig a h-uile duine ga
dhèanamh.
Tha an film seo stèidhichte anns an là an-diugh ’s air an Eilean Sgitheanach agus tha e ag innse sgeulachd mu dheidhinn triùir chloinne a’ fàs suas ann am faileas an “Inaccessible Pinnacle”.
Nuair a chailleas am pàrantan am beatha air an “Inaccessible Pinnacle” a’ feuchainn ri neach-streapaidh eile a shàbhaladh, tha Aonghas agus a bhràthair is a phiuthar a’ gluasad a-staigh le an seanair is seanmhair. Tha an seanair math air innse sgeulachdan agus tha e ag ràdh gu bheil e ochd ceud bliadhna a dh’aois.
Beag air bheag, tha e a’ cur a sheun air a chlann le a sgeulachdan iongantach agus tha Aonghas ga fhaighinn fhèin air tharraing a-steach ann an saoghal spreòdach is draoidheil.
Cha bhi an film a-mach gus an ath bhliadhna ach chunnaic mi an “trailer” air a shon an t-seachdain sa chaidh agus tha e a’ coimhead math fhèin is tha na h-actairean a th’ ann dìreach mìorbhailteach. Tha mi fhèin a’ coimhead air adhart gu fhaicinn nuair a tha e deiseil.
Airson còimhead air measgachadh de diofar dhealbhan eil, chan eil agad ach bruthadh an seo.






