The Simpsons

Carson a thug e cho fada? Tha Family Guy air a bhith dol airson 8 bliadhna agus thainig a chiad film acasan a mach ann an 6, agus thainig a chiad film aig Southpark a mach ann an dà bhliadhna, ach mu dheireadh thall, tha The Simpsons air tighinn dhan sgrìn mhòr! 'S ann an 1987 a chiad nochd The Simpsons fo’n ainm “The Simpsons Shorts” air TheTracy Ullman Show ann an Ameiriga! Airson am ficheadeamh bliadna a chomharrachadh tha Matt Groening airson na programan goirid tha seo a chuir air fònaichean laimh agus a bharrachd air sin tha The Simpsons air tighinn chu na taighean deilbh airson a chiad uair agus cò fhuair ann airson am film fhaicinn ach mise?!
A fàs suas ann an Uibhist gun Sky, bha mi ochd bliadhna a dh’aois nuair a ruig e aireamh a h-aon anns na clàran singilte le “Do The Bartman,” agus mar sin ‘se 1990 a chiad uair a chunnaic mi Bart Simpson agus tha mi fhathast ga coimhead. Tha e neonach a bhith a faicinn animation 2D anns an Tigh-Dealbh anns na laithean seo. Bha Fox cho anmoch a toirt am film seo a mach gu bheil an cruth aige “retro!” Bhon a thainig Pixar a mach le Toy Story tha na companaidhean filmeadh uile air a bhith feuchainn air filmichean 3D a dheanamh airson am mairgead ùr. M.e; Shrek, Ice-Age & Cars. Tha mi toilichte a radh gu bheil The Simpsons (neo Na Sàmsannaich… ma nochdas e air an sianal ùr digiteach) air cumail chun an t-seann dreach aige agus tha iad air an t-uamhas do dh’adharp a chuir ris an sgeul agus ri na feallaichean dhà!
Bha daoine a gaireachdaidh bho thoiseach gu deireadh am film ann an taigh dealbh làn theaghlaichean gu lèir. Bha na sgrìobhadairean uabhasach dìcheallach le bhith cumail na caractairean aca mar a tha iad anns an sreath. Tha sinn air fàs gu math cleachde ri bhith coimhead air na Simpsons aig an taigh ach bhon an toiseach tha iad a sealltainn nach e iris àbhaisteach do na Simpson’s a tha seo idir nuair a chi sinn sreath-fhosgladh gu tùr ùr le Greenday a cluich am fònn! Tha sgrìobhadairean The Simpsons a toirt ceum air ais agus a coimhead air bho cearn ùr, a magadh orra fhein agus a tighinn a mach le feallaichean dha nach faiceadh tu neo nach cluinneadh tu aig sia uairean air sianal ceithir!
Tha e cho doirbh a bhith bruidhinn mu dheidhinn cho math sa tha am film gun a bhith toirt air falbh an sgeul ach tha feum agam air rabhadh neo dhà a thoirt dhuibh.
- Feuch nach faic thu an Trailer a chionns gu bheil feadhainn do na feallaichean dhà as fhearr nam measg.
- ha mi a smaointinn gu bheil Maggie càirdeach do na Sandworms a bh’ann am Beetlejuice
- Chi thu taobh Bart nach eil thu air faicinn roimhe an seo...







