
A philosopher once asked, "Are we human because we gaze at the stars, or do we gaze at them because we are human?" Pointless, really...”Do the stars gaze back?" Now that’s a question.
Ian McKellan (Neach Aithris)
STARDUST
’S e sgeul gu math àbhaisteach a th’ ann an Stardust… Ma choimheadas tu seachad air Rionnag a’ tuiteam gu talmhainn ach a’ tionndadh a-steach do bhoireannach àlainn, trì bana-bhuidich ga lorg airson ògailleachd gu sìorraidh, agus Robert de Niro a’ cluich “Whoopsie” do spionnadair mara, chì thu gu bheil e ruith mar a tha cuid de dh’fhilmichean ghaoil eile.

Airson a ghaol aige a dhearbhadh do Victoria (Sienna Miller), tha Tristan a’ gealltainn gun toir e air ais an rionnag ach airson sin tha feum aige a dhol a-mach às a’ bhaile gu Stormhold, saoghal làn druidearachd ’s droigheachd! Agus ’s e gu bheil iad ann an Stormhold ’s coireach nach b’ e clach a tha na feitheamh ach Claire Danes. Air an rathad air ais ge-tà, tha e faighinn a-mach gu bheil tòrr dhaoine dona (daoine air a tha sinn uile eòlach) a’ feuchainn ri grèim fhaighinn air an rionnaig!

Aig gach cearn tha fealla-dhà ann ann an dòigh air choireigin… agus le Ricky Gervais, David Walliams agus a h-uile cleasaiche a tha air a bhith ann an comadaidh Bhreatanach anns na còig bliadhnaichean a dh’fhalbh ann cuideachd, is beag an t-iongnadh!
Film math airson an teaghlach! Tha mi cinnteach gum bidh am film seo air an telaidh a h-uile Nollaig bho seo a-mach!
3/5
Airson Fios:
Chaidh cha mhòr a h-uile sealladh nach robh am broinn taigh air choireigin a losgadh air Eilean a’ Cheò! Gu h-àraidh mun chuairt air a’ Chuith-Raing… Chì thu fiù ’s Staffain ann an shot no dhà!







