
Tha superbad a’ leantainn dà chàraid, Seth agus Evan, a tha air fàs suas còmhla ach a-nis ’s gu bheil ceumnachadh na h-àrd-sgoile a’ tighinn faisg orra, tha iad airson ’s gum bi na seachdainnean mu dheireadh àca cho math sa ’s urrainn dhaibh a bhith. Tha iad fhathast a’ coimhead airson bràmar agus nuair a tha iad a’ faighinn fiathachadh gu pàrtaidh tha làn fhios àca gur e seo an cothrom mu dheireadh àca buaidh a dhèanamh air na sgoilearan eile mus ceumnaich iad.
As dèidh còig mionaidean deug, bha mi a’ smaointinn gu robh am film dol a bhith coltach ri American Pie, le mar a bha iad a’ bruidhinn air boireannaich, làraich-lìn drabasta agus deoch làidir ach cho luath sa tha na “clìches” tha seo a chur air bhonn, tha film uabhasach èibhinn làn ath-nuathachas a’ tòiseachadh!
Chan eil e a’ cur iongantas sam bith orm gun tug na sgrìobhadairean na h-ainmean aca fhèin do na prìomh charactairean a chionn ’s gu bheil an sgeul cho fìrinneach air mar a tha e do dheugairean agus tha e a’ cur tòrr de na cuimhnichean agam fhèin nam cheann air nuair a bha mi fhèin an aois ud!

Tha an sgrìobhadair Seth Rogen fiù ’s a’ cliuch amadan de neach poilis ann an taobh-sgeul a tha cumail an gàireachdainn a’ dol nuair a tha an sgeul eadar Seth agus Evan a’ fàs caran bog.
’S e film uabhasach èibhinn a tha seo a tha air briseadh air falbh bho dreach na American Pie’s agus Road Trip ach aig an aon àm, cha dèan e deagh phreasant Nollaige airson do mhàthair idir idir!
4 / 5






