Sweeney Todd
Uair sam bith a tha thu smaointinn nach eil seòrsa fiolm sam bith eile ann nach do dh’fheuch duine ann an saoghal mòr nam Filmichean, thigidh cuideigin mar Tim Burton a-steach agus cuiridh e ceart thu le buille mhòr nad amhaich!

Tha an duine a chruthaich an genre de Ghoth-Com le filmichean mar Beetlejuice agus Edward Scissorhands a-nis air tòiseachadh air roinn gu tur ùr ann am filmichean… Smaoinich air The Sound of Music anns na seallaidhean a th’ aca ann an Oliver le spreidheadh de Silence Of The Lambs agus tunna don dhealbhaireachd sònraichte aig Tim Burton fhèin agus tha thu air fhàgail le… Sweeney Todd.
’S e sgeul fìor agus gu math eagallach a bh’ ann bhon toiseach agus air eagal ’s nach eil thu air cluintinn mu dheidhinn Sweeny Todd cha can mi an còrr mu dheidhinn ach canaidh mi seo… Tha Johnny Depp mìorbhaileach math mar is àbhaist! Tha blas-chainnt Shasannach air a tha nas fheàrr na th’ aig a chuid de Shasannaich “ceart,” tha e a’ seinn gu math agus chan urrainn dhut do shùil a thoirt dheth aig àm sam bith (ach ’s dòcha nuair a e toirt lomadh do chuideigin!)

A
bharrachd air an sealladh phroifeasanta aig Depp, chì thu Alan Rickman
(Hallam Foe Link) a tha daonnan math a’ cluich droch charactair, am
bana-chleasaiche as fheàrr aig Burton, Helena Bonham Carter, agus tha
fiù ’s Sacha Baron Cohen (Ali G, Borat) a’ toirt seachad coilionadh
làidir a chuireas gàire agus an uair sin gràin ort.
Chanainn gu
bheil òran ann airson faisg air 90% den fhilm agus bha e doirbh aig an
toiseach ach dh’fhàs e orm nas fhaide tron fhilm agus tha sèisd ann bho
aon òran a tha fhathast a’ dol nam cheann bhon raoir…
"There's a hole in the world like a great black pit
and it's filled with people who are filled with $4!t!
And the vermin of the world inhabit it! London!!"
Dh’fhàn mi fhèin ann an Lunnainn airson greis agus tha feum agam aideachadh gu bheil e ceart… gu ìre co-dhiù!

Ged
a rinn mi coimeas eadar Sweeney Todd agus filmichean eile aig an
toiseach chan eil film eile coltach ris. Tha an sgeulachd aig bonn an
fhilm fìor agus cha deach sin air a dhèanamh ron an seo, an uair sin
tha mac-meanmna Burton a’ cur coltas sònraichte air nach fhaigh thu bho
àite sam bith eile.
Anns an latha an-diugh às dèidh na tha
bhith ann de dh’fhilmichean, tha e sgoinneil a bhith faicinn rudeigin
tùsaileachd. A, chìad fhilm cheolmhor àiridh air tiocaid airson daoine
nas sinne na ochd bliadhn’ deug.
(Chan eil mi air a dhol bog… tha mi cinnteach gun tùit ìre filmichean gu meadhanach math cho luath sa tha na Oscars seachad!)








