Skip to content

A’ fuireach aig an taigh solais nam aonar

An do smaoinich sibh riamh cò ris a bhiodh e coltach a bhith nad aonar air eilean beag creagach air an oidhche? Nuair a thèid a’ ghrian fodha, tionndaidh an t-àite dorch’ is fuar is tha fuaimean neònach a’ tighinn bhon staidhre!

Tha iad a-nis deiseil leis a’ fiolmadh aig an taigh solais aig Eilean Iarmain ann an Slèite san Eilean Sgitheanach far an robh mi fuireach gach oidhche fad trì seachdainean leam fhèin. Bha mi nam fhear-glèidhidh.

Bhithinn sa aig a’ chidhe gach oidhche aig seachd uairean airson bàta fhaighinn (’s e “rib” luath a bh’ ann) agus leumadh Breagha (an cù agam) a-staigh ri mo thaobh.

Às dèidh còig mionaid aig muir, bha mi aig an obair agam. Cha robh dad agam ri dhèanamh ach a bhith an sin is mo shùil a chumail air an uidheamachd sgiob’ an fhiolm, camara is a leithid airson adhbharan urrais. Bha mi a’ faighinn mo chuid thurasadal airson a bhi cadal! Abair thusa gur e obair mhath a bh’ ann!LIGHTHOUSE3

’S e “The Lighthouse Keeper” an t-ainm a bh’ air an fhiolm. ’S e Seumas Nesbitt an rionnag a tha nochdadh ann an turas seo, ach chan eil mi ro eòlach air an stòiridh.

Nuair a bha mi ag obair air Seachd, thachair mi ri fear Matt Jones, fear Astràilianach. B’e esan an “locations manager” airson an ‘Lighthouse Keeper’ agus is esan a thug an obair seo dhomh.

Sin mar a tha cuisean ag obrachadh; tha a’ mhòr chuid de dhaoine a tha an sàs ann am fiolmaichean ann an Alba eòlach air a chèile. Thuirt esan gun robh iad a’ sireadh duine airson a bhith a’ coimhead às dèidh nan innealan air an oidhche nuair a bhios an sgioba-fiolmaidh air tìr-mhòr. Sin mar a thachair gu robh mi nam fhear teàrainteachd air an oidhche.

Cha robh e cho cofhurtail a bhith nam aonar a’ chiad oidhche, thug e ùine mhòr a’ dol a chadal. Cha deach agam air Breagha a thoirt leam an oidhche suid is bha mi dha rìreabh leam fhìn.

Bha mi a’ fuireach anns an taigh mu trichead meatairean on taigh-solais fhèin. Seann thogalaichean ann an dà chuid, à thogadh ann an 1857 mar is math mo chuimhne, air an dealbhadh le innealadair ainmeil Stevenson, athair an sgrìobhadair Robert Louis Stevenson.

Bha an aimsir sgrathail an oidhche sin, leis a’ ghaoith làidir a’ breabadh air an doras is an uinneig agus bha tàirneanach is dealanach ann! Bha an taigh fhèin seann- fhasanta is gu math ‘spooky’. Feumaidh mi aideachadh gu robh beagan eagal orm!

An ath oidhche ge-tà, bha an cù dìleas agam, Breagha, ri mo thaobh, agus b’e deagh chomann a bh’ innte. Cha robh e cho sìmplidh dhi faighinn air a bhàta ’son a’ chiad uair ach dh’ionnsaich i GU luath agus abair thusa gun do chòrd e rithe gu mòr a bhith seòladh.

Aon uair’s gu robh sinn air an eilean ghabh sinn cuairt timcheall an eilein, bhithinn a’ suidhe air na creagan ri taobh an taigh-solais fhèin, is a’ tilgeil clachan’s a’ mhuir is Breagha a’ leum a-staigh às an dèidh.  Nuair sin a-staigh airson DVD a choimhead neo leabhar a leughadh.

Aig a’ cheann thall ’s e obair gu math sìmplidh a bh’ann. Cha robh sìon agam ri dhèanamh ach a bhith an sin còmhla ris na h-innealan, mar an camara is an stuth-fuaim agus na solais. Uaireannan, chaidh mi sìos dhan chladach airson beagan iasgaich, is aon turas ghlac mi rionnaich.

Chòrd e uabhasach math ri Breagha a bhith air an eilean, bha i faireachdainn gur ann leatha fhèin a bh’ an t-àite air fad.  Bhiodh sgioba an fiolm a’ dèanamh ‘fuss’ mòr dhi – a h-uile latha bhithinns’ is Breagha a’ feitheamh air a’ chladach airson a’ chiad rib a’ tighinn a-nall, is cho luath is a chunnaic an sgioba Breagha bhithinns’ a’ cluinntinn “ooooh, seall an cù bòidheach sin, tha i cho brèagha is cho modhail!” (Uill THA I brèagha is modhail!)

Bhiodh iad ga suathadh is ga moladh is bha mi cho moiteil aiste. Is feumaidh mi ràdh gu robh mi fada na bu cofhurtail tron oidhche is fhios agam gu robh Breagha na laighe ro taobh mo leapa … dè dhèanainn’ as a h-aonais?