“Why make money from making art when you can make money by making money”
Sally Sorowitsch
Le
ainm snasail mar “The Counterfeiters” shaoilleadh tu gum biodh film
spaideil mar “The Sting” no “The Colour of Money” na chois ach tha am
film seo nas coltaiche ri “Schindler’s List” na film sam bith eile a
tha mi air fhaicinn. Tha e stèidhichte air sgeul fìor agus mar sin tha
am film nas làidire air a shon.
Tha
am film a’ fosgladh le duine coiteanta, Sally (neo Salomon) Sorowitsch,
a’ cosg tòrr airgead brèige a rinn e fhèin ann am beatha làn
boireannaich agus pàrtaidhean anns a’ Ghearmailt ann an 1936, dùthaich
a tha fhathast fo sgàil nan Nazis. Cho luath sa tha cuideigin a’
cluintinn gur e Iùdhach a th’ ann ge-tà tha na poileas a’ tighinn ga
ghlàcadh agus tha e air a chuir air falbh gu na càmpaichean
choncentration.
Chuireadh
Nazi às do phrìosanach Iudhach anns a’ bhad agus tha fios aig Sally gum
b’fheudar dha sealltainn gu bheil e gu feum ma tha e dol a dh’fhaighinn
tron dàrna chogadh. ’S e duine fèin-chùiseach a th’ ann an Sally
Sorowitsch agus anns an àrainneachd sin agus ’s e trèithe uabhasach
cudromach a tha sin airson a chumail beò.
Nuair a tha e air a
ghluasad gu càmpa ùr, tha na Gearmailtich a’ toirt sgioba làn de
dhaoine ealanta do Sally airson a chuideachadh le bhith cruthachadh
airgead brèige airson na Gearmailtich. Tha seo a’ cur a h-uile duine
anns an sgioba ann an suidheachadh doirbh oir, ann an teis-meadhan
càmpa choncentration far a bheil daoine a’ bàsachadh mun chuairt orra
gach latha, tha an sgioba seo a’ fuireach ann an leabanan comhurtail,
le biadh math fiù ’s le toìtean agus an àite a bhith sabaid airson nan
Iudhaich tha iad a’ cuideachadh nan daoine a tha gar cumail.
Film
làidir làn eu-dhòchas a tha seo far a bheil feum air daoine na
beathanan àca fhèin a chur an aghaidh beathanan an saoghal gu lèir.
Dh’fhaodar don saoghal a bhith àite gu tùr eadar-dhealaichte an-diugh
ach airson na rinn na daoine seo airson màc an duine.
5/5