
Tha triùir bhràthairean air tighinn còmhla airson turas spioradail a dhèanamh tro na h-Innseachan. Tha bliadhna air a dhol seachad bhon a chunnaic iad a chèile agus an triop mu dheireadh, ’se tòrradh an athair a bh’ ann.

Tha am film a’ tòiseachadh le film goirid a tha toirt dhuinn sealladh a-steach dhan charactair aig Schwartzman. Tha na bràthairean Whitman (Adrien Brody, Jason Schwarzman agus Owen Wilson) a’ coinneachadh air an treàn “The Darjeeling Limited” agus bhon toiseach chì sinn gu bheil an stiùiriche Wes Anderson a’ cumail ris na h-aon seòrsa charactairean a dh’obraich cho math dha ann an Rushmore agus The Royal Tenenbaums. ’S e teaghlach briste, beartach a th’ anns na Whitmans agus chan eil e a’ toirt fada gus am bi na bràthairean ag argamaid agus a’ sabaid mar a bha iad riamh.

’S e seo am film as fheàrr aig Wes Anderson gu ruige seo. Chan urrainn dhut do shùil a thoirt far an sgrìn bhon toiseach! Tha an dealbhaireachd agus an stoidhle aige sònraichte math anns am film tha seo le tòrr seallaidhean “Slow Motion” dreachmhor, a’ coimhead air actairean làn charactair, a’ deanamh obair shònraichte, gu ceòl math a’ toirt fuathais bhon sgeulachd nach d’fhuair sinn ann am filmichean mar The Royal Tenenbaums.
’S e film uabhasach èibhinn a th’ann ach chan e anns an aon dòigh a tha a chuid de dh’fhilmichean comadaidh. Tha an gàireachdainn a’ tighinn bhon chàirdeachas eadar na bràthairean, bho na “one-liners” agus bhon sgrìobhadh a tha fàs nas fheàrr a bharrachd a tha thu smaointinn mur dhèidhinn.

Tha am film a’ fosgladh leis am film ghoirid Hotel Chevalier agus faodaidh tu an fhilm seo fhaighinn air i-Tunes saor an asgaidh an-dràsta airson blas don fhilm fhaighinn.
Chan eil facal dona agam ri ràdh mu dheidhinn ’s mar sin…
5/5






