The Incredible Hulk
Ed Norton agus Tim Roth còmhladh?! Wooo! Ged nach eil a chuid do filmichean CGI a còrdadh ruim idir cha robh siàn air talmhainn a chùmadh mi air falbh bhon film seo! Chan eil dòigh ann film dona a thighinn gu bith nuair a tha an dithis tha siud còmhladh… neo a bheil?

Tha a chìad leth don film gu math faisg air an streath teilebhisean, a leantainn Norton ‘s è air fallach bhon riaghaltas, a feuchainn ri smachd a chumail air am fearg a tha daonan a burgadh fo bian an creùtair bochd a th’ann am Bruce Banner.
Tha cameo aig Lou Ferrigno a chuir iongnadh mòr orm le mi làn dùil gun do chaochail e bho chionn greis ach tha e coltach nach robh Lou Ferrigno ach 27 nuair a bha e a cluich an Hulk anns an streath don aon ainm bho na seachdadan… An fhìrinn innse gu tà, fhuair mi barrachd toileachas a mach as an criomag beag a bha sin na an còrr don fhilm còmhladh.

Chaidh an sgeul a chuir gu aon taobh airson aigsean agus CGI agus chan eil e deanamh diofar sam bith dè cho math sa tha an CGI nuair nach eil an sgeul tarraingeach idir. Mar is trìce chan eil mi airson an sgeul innse ach tha e soilleir nach eil e cudthromach don stiuiriche idir ‘s mar sin:

1/3 Incredible Hulk 1978 + 1/3 King Kong + 1/3 King Kong V Godzilla = Incredible Hulk 2008
Tha Ed Norton math anns am film seo ach tha e coltach gu bheil a Hulk air milleadh a dheanamh air am film ‘s tha e air tuìll fhàgail anns an sgeul a tha mòr gu leòr airson Na Stàitean Aonaichte a chall (agus tha sin a tachairt anns am film seo).
Hulk Smash? Chan è ach Hulk Flop. Briseadh dùil uabhasach.







