Skip to content

kite runner title

Chan eil film eile coltach ri ‘Kite Runner’. Bhon a thuit Afganastan fo sgàil an Taliban agus às dèidh coiteantas prògraman mar ‘24’ tha ìomhaigh nan daoine sin air a dhol sìos gu math fada ann an cuid de shùilean timcheall an t-saoghail.

Bha an leabhar air leth soirbheachail a’ togail iomadh duais mus tàinig e gu bhith na film, is, mar sin, tha sgeul làidir tarraingeach ann bhon toiseach a tha dèiligeadh ri cuspairean fad-shaoghail mar teaghlaichean, creideamh, cogadh, gaol, onair, càirdeachas, cinnealtas, tràilleas agus gaisgeachd mac an duine.


kiterunner street

Nuair a dh’fhònas seann chàraid do dh’Amir ag iarraidh air tilleadh dhan dùthaich far an deach e a bhreith, tha sinn a’ leantainn sreath de na cuimhnichean às làidire a th’ aige bhon a bha e a’ fàs suas ann an Kabul còmhla ri athair agus an dà sgalaig aca.

Tha sinn a’ faicinn cho math ’s a tha an dòigh beatha aca ron a thòisich ùpraid anns an dùthaich agus an uair sin tha sinn a’ faicinn mar a dh’atharraich cùisean às dèidh dha fhèin ’s athair an dùthaich fhàgail airson Ameireaga. Tha e doirbh a chreidsinn gu bheil an Taliban a’ dèanamh a leithid de stùth drabasta ann an ainm Dìa, ach mar a tha blàr sam bith, tha droch dhaoine ann a tha cleachdadh ar creideamh na leisgeul airson a bhith dèanamh na thogras iad. ’S e sgeul gu math tròm a th’ aig sluagh Afganastan ach tha sgeul pearsanta aig Amir fhèin ceart cho duilich.

kiterunnerend

Tha grèis ann bhon a chunnaic mi film a rinn buaidh cho mòr ri seo orm. ’S e dùsgadh garbh a th’ ann do sheann chultair ann an saoghal ùr.



5/5