There Will be Blood
Chan eil am film seo cho drabasta sa tha an trailear ’s am postair a’ gealltainn dhan a h-uile duine. Bha mi an duìl gum biodh tòrr sabaid, ghunnaichean agus dhaoine ri mi-mhodh’ airson onair an teaghlaich a chumail agus bhiodh feum aig an fhilm seo a bhith cleachdadh nan clìchès a tha sin ach airson aon adhbhar … tha Daniel Day Lewis aig aghaidh ghnothaichean ann agus cha do chuir e cas ceàrr ach anns a’ chiad sealladh nuair a tha briseadh a chas a’ tochladh airgead… ’s dòcha…
Anns an aon mhèinn far an d’fhuair e an t-airgead tha e a’ lorg ola agus bho sin a-mach tha Daniel Plainfield a’ tionndadh gu Neach-Ola. Airson a’ chiad deich mionaidean den fhilm chan eil sinn a’ cluinntinn facal ach tha sinn ag ionnsachadh an t-uabhais mu dheidhinn Plainfield: an t-acras a th’ aige airson a bhith dèanamh math, cho làidir sa tha an earbsa aige na fhèin agus gun dèan e rud sam bith, ri duine sam bith, gus am faigh e na tha e ag iarraidh.

’S ann an seo a bha mi a’ smaointinn gun tòiseachadh “Gang War” agus gum biodh blàr ann eadar e fhèin ’s na daoine eile a tha coimhead airson ola ach chan eil sian den sheòrsa a’ tachairt anns an fhilm seo.
Tha “There Will be Blood” mu dheidhinn Daniel Plainfield fhèin agus mar a tha e a’ creidsinn gu bheil farpais anns a h-uile suidheachadh a tha a chur na choinneamh. Tha sinn a’ faicinn cho aonarach sa tha e a’ fàs nuair a tha e a’ leigeil do dh’àrd-amas agus gionachas a bheatha a stiùireadh. Tha gràin mhòr aige air creideamh agus tha seo a’ cluich pàirt mhòr anns an fhilm … tha e den bheachd gun cur creideamh bàcadh air cho soirbheicheal sa tha an sgioba an tobar ola. Tha seo air a dhealbhadh gu sònraichte math ann aon sealladh far a bheil an Eaglais ùr aige aig mullach aon bheinn agus tha an tobar ola a’ spùdadh teine suas dhan adhar air mullach beinn eile.

Tha mi fhathast a’ uaindrigeadh carson a tha “There Will Be Blood” na thìotal airson am fhilm seo… ach ma smaoinicheas tu air na filmichean eile aig Paul Thomas Anderson chan eil iad sin a’ deanamh mòran cìall nas motha. Chan eil MAGNOLIA mu dheidhinn peant agus chan eil mòran dannsa ann am BOOGIE NIGHTS.
Mar is àbhaist tha Day-Lewis a’ cur a-steach coilionadh sònraichte agus chan eil e a’ cur iongnadh sam bith orm gur e seo an ceithreamh turas a tha e air a bhith aig na Oscars a measg nan actairean as fheàrr agus tha an t-àm ann gum buannaich e rudeigin!
Chì sinn mar a thèid dha anmoch air 24mh Gearran air an sianal “E!” nuair a tha bhios tòrr doe na filmichean a tha sibh air leughadh mu dheidhinn air Sgleog a’ dol an aghaidh a chèile airson na duaisean as motha ann am film.

3.5/5






