Skip to content

three_and_out 2

Se seo a’chiad film aig MacKenzie Crook far an do chluich e am prìomh pàirt agus chan eil mi a creidsinn gum faigh e an cothrom a-rithist as deidh am film seo. Tha e fada nas fhearr a’cluich am pàirt a th’aige anns an “Office” neo ann am “Pirates of The Caribbean”… Ma dheanas iad film air Thundercats, ’s doch gum bitheadh e math an caractair Mum-raa a chluich ach chan eil na sgillean chleasaiche làidir gu leor airson film math a dheanamh bhon sgriobt lag tha seo... neo am prìomh pàirt a’chluich.

Tha “Three and Out” mar da film dhona a tha air a bhith stoigte ri cheile le sellotape lag. Tha a chiad leth dheth slaodach agus mi-chomurtail a choimhead agus chan eil e math gu leor a bhith ga chuir fon bhràtach “Comadaidh Dorcha”. Tha an dàrna leth nas fhearr ach tha e gluasad nas fhaide air falbh bho Comadaidh dhorch agus nas fhaisge air iris do Bhallykissangel.

three+out

Tha dà rud math ri radh mu dheidhinn am film seo gu tà! Tha Colm Meaney uabhasach math a cluich duine feargach gun dachaidh agus tha Gemma Arterton dìreach àlainn a choimhead… Ciamar a rinn ì sealladh muinnearachd le MacKenzie crook gun a bhith bochd, chan eil fhios agamsa. As dèidh dhomh an sealladh shiud fhaicinn tha e furasta gu leòr a bhith cantail le cìnnt gu bheil i math air actadh cuideachd agus tha e soillear mar an d’fhuair ì pàirt anns am film “James Bond” ùr “Quantum Of Solace.” (Bha ì math anns an còrr dhen fhilm cuideachd!)

threeandout

Anns a’chiad coig mionaidean gu tà, bha fios agam dè bha dol a thachairt anns na coig mionaidean dheireanach… sin cho dona sa tha an sgrìobhadh. Chan ann trìc a tha mi a càinneadh film ach anns an gnìomhachais fhilmichean Breatannach, far nach eil mòran airgead a’dol mun cuairt, tha e uabhasach cudthromach gu bheil deagh sgriobt agad bhon toiseach agus tha e bochd gun deach am film seo a dheanamh.

2/5