Skip to content

TRANSFORMERS

Nuair a chuala mi gu robh Michael Bay dol a bhith stiuireadh am film Transformers, cha robh mise toilichte idir idir… Dh’fhaodadh tu fius a radh gu robh mi fearagach! An duine ciontach airson Pearl Harbour a feuchainn air an dealbh eibhinn “Manga” as ainmeil riamh a thoirt gu film?! An fhirinn innse, nuair a chual mise seo bha mi den bheachd gu robh Transformers fear dheth na deilbh-eibhinn as fhearr agus gu robh Michael Bay an stiuiriche as miosa bho Ed Wood!… ach bha mi cho fada fada cearr! Bha Transformers miorbhailleach!!

Tha am film a tòiseachadh ann an seomar sgoile, far a bheil deugair àbhaisteach Sam Witwicky (Shia LaBeouf: “Holes,” 2003 agus “I Robot,” 2004) ag innse dhan clas aige mu dheidhinn fear dheth na sìnnsearan aige a bha na sheoladair rannsachaidh. Ach tha e soilleir nach e am proiseact sgoile an rud as cudthromach dhan gille gòrach seo nuair a tha e feuchainn air an seann stuth aige a chreic air ebay, nam measg, seann speuclairean a shì sheanair. Tha e airson a chiad car aige a cheannachadh agus feuchaidh Sam rud sam bith airson airgead a thogail air a shon. Tha e aig upraid airson an soarsa agus neo-cheangaltas aige fhein ach chan eil sian a dh’fhios aige, ann an ùine gu bhith fada, gum bi e air a chiad loidhne leis na Autobots ann an cogadh mhor eadar talmhainn agus na Decepticons!

Nuair a tha Sam a faighinn a mach nach e car a fhuair e ach beothach meatailt as na speuran tha an sgeul a toirt cruth gu tùr eadar dhealaichte! Tha an CGI (Computer Generated Imagery) air sàr dheagh chleachdadh chun an ìre nach bith thu a smaointinn aig àm sam bith cho neonach sa tha e gu bheil càraichean a coiseachd mun chuairt a bruidhinn ri cheile ann am beurla a dh’ionnsaich iad bhon eadar lion!

Tha Transformers air tighinn a mach aig an dearbh àm airson an leam a dheanamh bho Dealbh-Eibhinn gu film agus ged nach robh mi cinnteach idir air aig an toiseach tha Transformers fear dheth na filmichean as fhearr a tha steidhichte air Dealbh Èibhinn. Chan eil mòran àbhaisteach mu dheidhinn am film seo idir agus tha e làn spors agus bha mi uabhasach fhein toilchte an guth aig Peter Cullen a chluintinn air ais a cluich Optimus Prime. Tha mi an dochas gum bith a dha neo thrì sequels do Transformers eile aige ri dhol.

Tha The Lovebug a tighinn nam chuimhne leis an càirdeas a tha fàs eadar Sam agus an car aige (Bumble Bee) agus tha caractair car coltach ri Ja Ja Binks ri cron agus amaideas troimh’n film ach tha blas breisleach air nach eil mi air faireachdainn bho’n àm a thainig Back to the Future a mach! Tha mi cho sean sin. Film miorbhailleach airson a h-uile duine anns an teaghlach… ach ‘s docha do sheanair… neo clan beaga bìodach… neo fiùs do mhathair! Tha e làn spors, sabaid, CGI agus làn dùsgadh-inntinn.

Tha Transformers anns na taighean deilbh an drasda.

4/5