Skip to content

Heading: Am Prìomh 5
Rudan aig Ugly Betty

  1. Aodach le flùraichean
  2. Necklace òr le B
  3. Speuclairean mòra
  4. Poncho
  5. Peitean dearg

An toigh leat Ugly Betty?

  • Is toil
  • Cha toil

uglybettyheader

GOLDBThoisich prògram ùr iar sianal 4 co-là deug air ais agus abair prògram a th’ ann gu dearbh. Nuair a-nochd Ugly Betty air ar telebhisean bha daoine gu math mì-cinnteach mu dheidhinn: An e sreath eile as na Stàitean Aonaichte a bhios car superficial a th’ ann ach chan eil e mar seo idir.

Bha mise a’ smaoineachadh ‘s dòcha gum bi mi a’ faireachdan rud beag bochd airson Betty cuideachd agus gum bi mi air mo nàireachadh air a son ach gu dearbh chan eil e mar seo nas motha. ‘S e fìor caractar math a th’ ann am Betty agus ged a tha i a’ dèanamh tòrr rudan a bhios a’ cur nàire ort chan urrainn dhith ach a bhith a’ còrdadh riut. ‘S e fìor deagh actar a th’ ann an America Ferrerra a tha a’ cluich Betty agus ged a tha an t-ainm Ugly Betty oirre a nise chan eil i "ugly" idir. Tha Betty ag obair aig iris fasanta ann an New York agus ged nach eil ùidh aice ann an fasan tha i feumach air obair. Tha an aodach aice gu math eadar dhealaichte agus caran coltach ri aodach bho na seachdan! Tha e coltach nach eil Betty ceart cho "cool" sa tha na feadhainn eile anns an oifis ach tha i fada na bu laghaiche agus fada nas comaisiche. Bidh e inntinneach a’ faicinn am bi Betty idir ag atharrachadh anns an sreath, am bi i fàs nas "cool" no am bi i a’ cumail an coltas sònraichte aice airson an sreath air fad. Tha mi an dòchas gum bi oir tha Betty dìreach mìorbhailteach mar a tha i!

beul_braces Tha timcheall air 13 millean daoine a choimhead am program gach seachainn anns Na Stàitean Aonaichte agus tha mi cinnteach gum bi e ceart cho mòr ann am Breatainn cuideachd. Nan robh am film "The Devil Wears Prada" a’ còrdadh riut, bidh an sreath ùr an seo a’ còrdadh riut cuideachd.