Cò aig a bheil an X factor?
Tha am prògram miorbhailteach; X Factor, air ais air an telebhisean
agus abair sreath a tha air a bhith againn mar tha!
Tha na seinneadairean agus na h-agallamhan shèinn air a bhith gu math èibhinn. A-nise chan eil ach 12 daoine air fhagail anns a' cho-fharpais agus tha iad uile ag obair còmhla ris am mentor aca. Tha na còmhlan-ciùil aig Louis, tha na daoine eadar 16 agus 24 aig Simon agus tha na daoine thairis air 25 aig Sharon. A-nise tha na britheamhan a' toirt na buidheann aca chun an stiùideo airson a shèinn ris an luchd-choimhead uile.
Seo na seinneadairean a tha fhathast anns an co-fharpais:
16-24: Ashley, Leonna, Nikitta,Ray
Buidhnean: 4Sure, Eton Road, The MacDonald Brothers, The Unconventionals
Seachad air 25: Ben, Dionne, Kerry, Robert
Tha na britheamhan fhèin uabhasach math air a' phrògram agus tha iad ceart cho cudthromach sa tha na seinneadairean fhèin. Tha Simon gu math cruaidh air na seinneadairean agus tha Sharon gu math laghach riutha. Tha feadhainn de na seinneadairean uabhasach math agus gu math eadar dhealaichte bhon sreath a chaidh saoil cò bhios a-mach às a cho-fharpais oidhche Shathairne?






