Skip to content

DeathProof_Poster for web

DEATH PROOF

Tha Quentin Tarantino air ais a’ toirt nan cùimhnichean as fheàrr aige bho aon roinn de film agus a’ cruthachadh saoghal mun chuairt air bho na mìltean do filmichean a tha e air fhaicinn thairis air an 44 bliadhna a tha e air a chur seachad ag adhradh do filmichean. Tha am film seo stèidhichte mun chuairt air filmichean Grindhouse agus chan eil iad air dèit sgaolaidh a chur air bhonn airson an dàrna phàirt dheth a tha Robert Rodriguez (Desperado, 1995) a’ stiùireadh, Planet Terror.

Filmichean Grindhouse:
Filmichean airson fìreannaich a bhith coimhead air càraichean, aigsean, boireannaich ann am beagan aodaich agus fuil. Suas chun na 70an cha robh filmichean mar sin ceadaichte agus as dèidh nam bàsaichean anns an fhilm seo fhaicinn tha seo tha e soilleir carson! Mar is trice, chìtheadh tu dà film còmhla.

grindhouse poster_forweb

Cha bhiodh an dialogue a-mach à àite ann am film sam bith Tarantino eile. Ag innse na fìrinn, tha è fàs gu math dòrainneach aig àmannan agus doirbh a leantail ach ma nach eil thu cho eòlach air obair Tarantino ’s dòch’ gum fàs e nas fhasa dhuibh an ath shealladh. Ach cuimhnich… “Do you know what they call a Big Mac in France?!”


Air falbh bhon an dialogue tha am film air a losgadh uabhasach math anns an doigh shònraichte math aige fhèin, tha tòrr boireannaich ann am beagan aodaich ann, tha an ceol math ’s quirky agus tha Kurt Russell air ais ann am fiolm mòr! Woo Hoo!! A’ chiad turas a nochd e air an sgrìn shaoil mi gur e Bounty Hunter a bh’ ann mar a th’ aca an Raising Arizona… ach le car Mad Max! Cha chreid mi gun dèan Death Proof an aon rud airson Kurt ’s a rinn e airson John Travlota :)

deathproof car

Bha rudeigin sònraichte math mu dheidhinn a’ chiad chòig filmichean aig Quentin Tarantino. Na dòighean fiolmaidh aige, cho mar a dh’fhoillsich e an sgeulachd tron gearradh (fractured narrative editing) agus an ath-nuathachas a th’ aige… neo an robh sinn uile a’ suidhe nar coinneanaich ann an telaidh. Ach smaoinich air seo… dè tha nas cudromaiche dhuibhse… sgeul math domhainn neo sgeul sìmplidh le tòrr … “Tòrr rubbish!” (mar a chanadh mo mhàthair). Agus bhitheadh i ceart mas e ’s nach robh i bruidhinn Quentin Tarantino.


Tha mi uabhasach dòchasach airson an dàrna pàirt: “Planet Terror!” Bhon trailer aige tha mi a’ smaointinn gum bi e caran coltach ri From Dusk ’Til Dawn. Hmmm…

Am fiolm as miosa a rinn Quentin Tarantino a thaobh an sgeulachd...


3/5