Harry Potter and the Deathly Hallows
Tha an t-àm air tighinn ma tha. Tha an seachdamh leabhar, agus am fear mu dheireadh, anns an t-sreath Harry Potter gu bhith tighinn a-mach. Tha deich bliadhna air a bhith ann bhon a fhuair clann (agus inbhich) an cothrom a’ chiad leabhar, Harry Potter and the Philosophers Stone, a leughadh agus tha na leabhraichean air a bhith a’ fàs a thaobh cho dorcha, cho mòr-chòrdte, (agus cho fada!) ’s a tha iad air a bhith bhon àm sin.
Bidh 608 duilleagan ri leughadh anns an leabhar ùr ach chan eil mi an dùil gum bi duilgheadasan aig duine sam bith crìoch a chur air! Thuirt J.K Rowling an-còmhnaidh nach biodh ach seachd leabhraichean ann agus mar sin tha daoine air a bhith a’ feitheamh airson, agus a’ bruidhinn mu dheidhinn, an leabhair seo airson ùine mhòr a-nis.
Ma tha sibh air an t-siathamh leabhar a’ leughadh (agus mur nach eil, ’s docha nach bi sibh airson an còrr dhen artaigeal seo a’ leughadh!!) bidh fios agaibh gun deach…
… Dumbledore a mhurt agus gur e Snape a rinn e. A bheil a h-uile càil mar a tha e a’ coimhead ge-tà. Tha mòran ann a tha a’ smaoineachadh nach eil. ’S e sin aon rud a gheibh sibh a-mach anns an leabhar seo.
De an eòlas a tha againn ma tha?
Chan eil mòran airson an fhìrinn innse. Tha J.K Rowling air a bhith gu math faiceallach nach fhaigh cus fiosrachaidh a-mach. Tha fhios againn ge-tà gum bi dithis a’ bàsachadh agus gur e caractaran air a bheil sinn gu math eòlach a th’ annta.
Tha cuid den bheachd gum bi Harry nam measg, ach saoil am bi? ’S e blàr air leth fiadhaich a dh’fheumas a bhith ann ma tha Harry agus a charaidean a’ dol a dhèanamh a’ chùis air Voldemort agus tha an t-uabhas ann a dh’fhaodadh dol ceàrr. Mar sin, chan eil mi fhèin deònach tomhais a dhèanamh air dìreach dè am plana a th’ aig J.K.
Chan eil ach aon rud cinnteach ann an saoghal Harry Potter an-dràsta ma tha - agus ’s e sin gum bi mòran ann a bhios gu math duilich gu bheil na leabhraichean, na caractaran, agus an saoghal air a bheil sin air fàs gu math dèidheil, a’ tighinn gu crìch.






