Artaigeal le: Riona Nic a Phearsain
Mo Bheachd air Airgead Pocaid
Is mise Riona Nic a Phearsain agus tha mi a’ fuireach ann an Ulapul. Tha mi tri deug bliadhna a dh’ aois.
Bidh mise a’ faighinn mu fhichead not gach seachdain ach tha feum agam mo chu a thoirt airson cuairt, na truinnsearan a ghlanadh, a’ cuideachadh mo mhamaidh le mo bhrathair beag agus tha feum air mo rum a bhith sgiobalta.
Mu nach eil mi a’ cuideachadh bidh coig no deich not a’ tighinn dheth m’ airgead.
Tha feum agam a’ paigheadh airson a h-uile rud. ‘S e aodach, biadh airson na sgoile, DVD’s, top-up airson m’ fhon, riomhadh agus teoclaid na rudan a bhios mi a’ ceannach.
Tha mi a’ smaoineachadh gur e siostam math a th’ aig mo mhathair o chionn ‘s gu bheil e ag ionnsachadh ciamar a bu choir dhomh m’ airgead a chleachdadh.
Tha mise a’ smaoineachadh gum bu choir clann a tha ag obair mun chuairt an taigh airgead fhaighinn air a shon.
Artaigeal le: Jemma NicChoinnich
Mo Bheachd air Airgead Pocaid
Is mise Jemma NicChoinnich agus tha mi a’ fuireach ann an Loggie, faisg air Ulapul. Tha mi a’ sgriobhadh thugaibh mu dheidhinn mo bheachd air airgead pocaid.
Bidh mise a’ faighinn airgead pocaid ma tha mi ag iarraidh a dhol sios an sraid. Bidh mi a’ faighinn còig nòt airson a bhith ag obair comhla ri mo mhamaidh. Ma tha mi a’ dol gu Inbhir Nis, bidh mi a’ faighinn fichead nòt. Uaireannan bidh mi a’ cur m’ airgead anns a’ bhanca muic agam.
Tha mo charaidean a’ faighinn dà nòt a h-uile seachdain. Ach ma tha iad ag iarraidh airgead airson a dhol sios an sraid bidh iad a’ faighinn ceithir nòt. Tha mo charaid Riona Nic a Phearsain a’ faighinn fichead nòt gach seachdain ach tha feum aice top-up, biadh sgoile, aodach agus teoclaid a cheannach agus feumaidh i tòrr obair a dhèanamh.
Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil an siostam aig Riona math oir tha i a’ caomnadh airgead ach tha i fhathast a’ ceannach aodach, teoclaid agus top-ups agus tha airgead fhathast air fhagail. Tha an siostam agam ceart gu leòr oir bidh mi uaireanan a’ sabhaladh ach chan eil e furasta!




