Skip to content

athchuairt

A' cumadh a' phlanaid, neo sinn fhèin? De as fheàrr?

Mar deugair, tha mi an còmhnaidh a smaoineachadh air na tha ri thighinn oirnn sna bliadhnaichean ri teachd. Agus chan eil an co-dhùnadh a' coimhead ro mhath idir. An-diugh ged -tà, chan eil eòlas gu leòr mun cuairt mun na tha tachairt, 's e sin a ràdh, mun cronn a tha mac-an-duine a' dèanamh air an àrainneachd, air a' phlanaid a tha gar cumail beò.
Mar eisimpleir, ma choimheadas tu air uidheamachd chridhe a char, chì thu nach eil sinn air adhartas mòr a dhèanamh a thaobh uidheamachd a char fad linn. Tha sinn fhathast a losgadh ola cuibhleachan a thionndadh.. Tha sin gu math seann fhasanta nach eil? Faodaidh sinn charaid ann an Astralia fhaicinn beò, le fon-laimh video, agus bruidhinn ris. Ach chan fhaod sinn dòigh eile fhaighinn airson a bhith ruith càraichean? Nochd an "combustion engine" ann an 1823, carson a tha sinn fhathast ga chleachdadh?

Tha mi ag iarraidh bruidhinn beagan mu dheidhinn uaigneas! Tha mo chogais ga mo dhideadh leis na h-uiread de truailleadh a tha dol air adhart. Feumaidh sinn a bhith ag ullachadh airson an latha a ruitheas sinn a-mach a ola. Is an toiseach, feumaidh sinn stad a chur air an smùide puiseanach a tha tighinn as na innealan-siubhail againn. Mar sin, feumaidh sinn sireadh teicneolas ur a bhios nas coibhneil dhan àrainneachd. 'S e an rud ge-ta, tha an teicneolas sin ann, carson nach eil sinn uile ga chleachdadh? Chionns gu bheil cus haoine a dèanamh airgead a-mach a ola, tha cus cumhachd na companaidhean ola air feadh an t-saoghal. Tha iadsan a togail na billeanan chionns gu bheil sinne fhathast a' crochdadh air ola. Tha na daoine sin uamhasach cumhachail is mar as tric tha ceangailean aca leis an riaghaltas a 's na dùthchannan far a bheil iad stèidhichte. Faic Bush is a charaidean 's na stàitean, tha gach gin dhuibh am bogadh ann an ola. Chan eil iadsan ag iarraidh gun dèanamaid chuis le dòigh connadh eile. An uairsin cha dèanadh iad an cuid airgead. Tha seo a cuir casg oirnn airson adhartas, agus cuideachd gar fhàgail feargach!

Leugh mi litir greis air ais anns an New Internationalist ( iris miosachail le naidheachdan eadar-nàiseanta ). sgrìobh am fear a bha seo nach bu choir dhuinn a bhith bruidhinn mu a' phlanaidh bhrèagha againn a shabhalachadh ach gun fheumadh sinn tuigsinn gur e sinn fhìn a tha ann an cunnart is chan e a' phlanaid. Tha an àrainneachd is nadar a' chruinne-cè ann an staid uabhasach, ach, thig leighis air, bheir a linntean mòra ach thig. Is docha gun, neo is coltach gun tig an latha far nach toir am planaid taic dhuinn a bhith beò idir oirre, ach chan eil a' phlanaid fhèin dol a bhàsachadh. Tha a' planaid coma co-dhiù mu ar deidhinnsa. Carson a bheil sinn cho draghail mu a deidhinn? 'S e seo a cheist as cudromaiche. 'S doch ma tha sinn a gabhail a steach an ceist seo gum bidh barrachd daoine a toirt uidh anns an gnothach. An dràsta tha a mhòr-chuid a toirt sùil dall air an cuspair, tha iad coma ma gheibh iad suaimhneas a char agus a' faighinn dealain le bhith a' putadh putain..

Air cuspair eile(ach ceangailte) bha fiosrachadh gu math inntinneach aig Aonghas Pàdraig Chaimbeul anns a phàipear Bhig an Eilein Sgitheanaich an t-seachdain sa chaidh mu dheidhinn teas na grèine. Rinn neach-saidheans sa Ghearmailt rannsachadh agus fhuair iad a-mach gu bheil a' ghrian a' dòrtadh sìos co-ionnan ri 1.5 mìle barrail ola a h-uile latha, air leth-acair de thalmhainn ann an fhasachan Afraga. A-nis rug iad an co-dhùnadh gun fhaod 0.5% dhen fhasachan san t-saoghal a toirt cumhachd-dealain dhan t-saoghal gu lèir! Nach eil sin a toirt ort a smaoineachadh!! Mar òigridh an t-saoghail feumaidh 's e mar dleastanas oirnn ' bhith sabaid gus greim fhaighinn air fiosrachadh mar seo. Carson a bheil sinn fhathast a losgadh gual airson dealain!
Mar a chì thu anns na duthchanan Lochlannach, tha dòighean ann airson "bun-lùth nach teirg" a chleachdadh. Agus aon rud eile airson ar phrìomh ministeir "thalla 's grob Tonaidh!" chan eil sinn ag iarraidh staiseanan-luths-nucleusachd! nàire ort fhèin! chan eil sinn deiseil airson barrachd shalchair a' dhèanamh dhan àrainneachd.

'S mar sin ath-chuairtich, coisich ma 's urrainn agus an ath thuras a tha caismeachd luchd-iomairt C.N.D. ann, faigh an sàs ann. Chan eil mòran ùine air fhàgail. Feumaidh sinn a' tuigsinn gu bheil Blair is a leithid coma mu ar deidhinn. Ach chan eil coir againn a bhith ann an 'coma'. Dùisgibh !