Artaigeal le: Nichola Campbell
A'
Marcachd
Is mise Nichola agus tha mise a’dol a dh’innse dhut mu dheidhinn eich. Bidh
mise a’dol a mharcachd ann am Baile Ur an t-Sleibh agus ‘s e seo an sgoil
marcaich as fheàrr. ‘S e togalach mòr a th’anns an sgoil agus bidh na h-eich a’
fuireach a-muigh an togalaich. Tha rum tac am broinn na sgoile - chan eil e mòr
ach tha e mòr gu leor. Uaireanan bidh mise a’dol a-mach leis an sgoil agus
uaireannan leam fhìn. Tha e uabhasach math. ‘Se Geromino an t-ainm a th' air an
each a bhios mise a’dol air. Tha e uabhasach coibhneil agus is toil leam e. Tha
e donn is ruadh le muing dhubh. Bidh mise a’dol a h-uile Disathairne. Is toil
leam Geromino oir tha e snog nuair a bhios sinn a' dol air cuairt.
NA
RUDAN A BHIOS TU A’ DEANAMH
Bidh thu a' sguabadh na h-eich agus gam faighinn bhon achadh agus gan cur
a-steach don achadh a-rithist. Bidh mise a’dol chun an achadh airson Geromino
dh' fhaighinn agus bidh mi ga sguabadh agus a' dol a-mach leis. Bidh mi
a’trotadh, a' cantaradh agus a' leum thairis air feansaichean. Is toil leam a
bhith a' dèanamh seo.
DIOFAR SEORSA EICH
Tha Each-Gàidhealach aig a' bhoireannach leis an sgoil (Sarah Chaimbeul) agus
tha e donn is ruadh, tha "thoroughbreds" aice cuideachd ach chan eil fios agam
de dath a tha iad uile oir tha tòrr aice. Tha dìreach aon Each na Shealtainn aig
Sarah agus tha e geal le muing gheal. Tha tòrr "Cobs" aice cuideachd oir is toil
leatha iad. Tha mar 25 eich aice ach chan eil fios agam dè briod a tha iad uile.
AODACH
Feumaidh tu aodach sònraichte a chur ort nuair a tha thu a-mach a’ marcachd.
Tha thu feumach air: 1. Jodhpurs – briogais sònraichte oir tha iad math airson a
mharcachd nuair a tha e blàth oir cha bhi thu uabhasach blàth. 2. Brogan –
Feumaidh tu brogan le greim math a chur ort oir nuair a tha thu a-mach a'
marcachd. 'S urrainn dhut a tighinn dheth is mar sin tha an greim aig na brogan
uabhasach feumail. 3. Aodach soilleir airson an rathad oir feumaidh càraichean
gad fhaicinn air an oidhche agus anns an ceò. 4. Miotagan – airson do làmhan oir
nuair a tha e fuar bidh na làmhan agad fuar.
A’ COIMHEAD AS DÈIDH EICH
Feumaidh tu biadh airson an eich fhaighinn agus tha e cudromach gum faigh iad
e! Feumaidh tu feur a thoirt dhaibh oir tha e math air an son nuair nach eil
feur a' fàs anns a' gheamhradh. Tha càth math airson a gheamhraidh cuideachd oir
chan eil feur ann. Faodaidh tu currain agus ubhal a thoirt don each agad oir tha
e math agus feumaidh iad rud fallain a dh' ithe cuideachd. Feumaidh each uisge a
ghabhail, tha e uabhasach cudromach gu bheil uisge glan aca.
DACHAIGH
Bidh na h-eich a' fuireach ann an stàball agus a-muigh: Faodaidh na h-eich a
dh'fhuireach anns an stàball anns a’ gheamhraidh agus faodaidh iad fuireach
a-muigh anns an achadh nuair nach eil iad anns an stàball. 'S e rud cudromach a
th' ann an stàball oir feumaidh na h-eich a dh' fhuireach an seo nuair a tha
daoine ga sguabadh agus tha na h-eich ag iarraidh a' fuireach ann an àite blàth
anns a' gheamhradh.
UIDHEAMAN
Feumaidh tu uidheaman airson each a chleachdadh oir tha e cudromach gum faigh
iad nam bruiseadh. 'S e seo na diofar uidheaman a 's urrainn dhut a chleachdadh:
Each-chìr airson na muing aca, Bruis airson a' chorp air an each, airson na
crodhan aig an each agus bruis corp, 's e seo an aon rud a bhios tu a’cleachadh
air an corp aig an each.




