Artaigeal le: Sgleog
C8 aig Unicef
A bheil beachdan làidir
agad a thaobh blàthachadh an t-saoghail no poileataics sa latha an diugh? Tha
Unicef air C8 a chur air dòigh airson deugairean is daoine òga. ‘S e rud air
leth math a th’ ann agus faodaidh tu a-nise a bhith an sàs ann am poileataics
agus a’ beachdaich air cuspairean cudromach sa latha an-diugh.
Bha an co-labhairt C8 ann an Alba am bliadhna agus bha iad a’ cur seachad am beachdan ris na Prìomhairean bhon co-labhairt G8. Tha co-labhairt C8 anns an Ruis an ath-bhliadhna far am bith daoine òga a’ coinneachadh airson am beachdan a chur seachad air blàthachadh an cruinne, bochdainn an t-saoghail agus tòrr eile! ‘S e rud gu math cudromach a th’ ann!
Thèid gu: www.unicef.org.uk/c8 airson barrachd fhiosrachaidh.




