Artaigeal le: Sgleog
Campa Sradagan – Sruighlea
Aig toiseach an
t-Iuchair chruinnich trichead sa còig chlann bho air feadh Alba ann an Sruighlea
airson Campa Sradagan na bliadhna. ‘S e Comann na Gàidhlig a chuir an campa air
dòigh. Thàinig a’ chlann bho na bhuidhnean Shradagan ionadail aca fhèin a
tighinn ri chèile airson na seachdain.
Thòisich an
t-seachdain le cuairt dhan t-seann phrìosan airson faicinn far an deach na
daoine ciontach an cuir bho chionn bliadhnaichean air ais.
Bha tuilleadh tachartasan ri thighinn. Am measg, chaidh iad air cuairt timcheall Caisteal Shruighlea, dhan amar snàmh, a marcachd agus chunnaic iad fiolm aig taigh dealbh anns an Eaglais Bhreac. Cuideachd chuir iad seachad fad latha air Safari, aig pàirce Blair Drummond.
Thuirt Fay NicDhiarmaid
a bha os cionn a champa “Chòrd an t-seachdain rinn uile – clann agus inbhich.
Thuirt a h-uile duine gu robh iad ag iarraidh a thilleadh air ais an ath-
bhliadhna, is mar sin feumaidh gu bheil sinn a dh’ fhaighinn ceart.”
Carson nach tèid sibh
fhèin air campa Sradagan an ath bhliadhna? Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh
air làrach-lìnn Cnag: www.cnag.org.




