Artaigeal le: Abby L. McWhinney
Leirmheas air Chopper
‘S e “Chopper” an t-ainm a th’ air an sgeulachd a leugh mi. Chaidh a sgrìobhadh le Iain F. MacLeòid. Tha Iain air iomadh leabhar a sgrìobhadh.
Tha an stòiridh mu duine air an an t-ainm Joe. Tha Joe a’ dol timcheall a’ tarraing chamara leis agus a’ toirt dealbhan. Tha Joe a’ tighinn dhachaigh airson fois a ghabhail, ach tha tòrr a’ tachairt, agus tha Joe an còmhnaidh ‘a faighinn flashbacks. Mar nuair a bha e ann an Afganastain agus chaidh a thoirt air falbh. Tha Joe a’ cuideachadh balach a thuit air tancair agus tha Joe a’ nochdadh gu bheil stuth niuclasach air bòrd an tancair. Ach aig deireadh tha a h-uile rud ceart gu leòr.
‘S e caibideil sia an caibideil as fheàrr leam. Anns a’ chaibideil seo, chaidh a chuir air stad Joe le balach beag, a bha ann am meadhan an rathad. Bha am balach ag iarraidh Joe a chuideachadh le balach a thuit air bata tancair. Tha Joe a’ faighinn na polais agus tha a h-uile rud ceart gu leòr. Chord an caibideil seo rium o chionns gun robh e gu math inntinneach agus diofraichte.
Cha do chord na caractaran anns an sgeulachd seo rium o chionns gu robh iad uile coltach ri chèile agus chan eil Iain F MacLeòid a’ toirt tòrr tuairisgeul air na caractaran.
Bheirinn 0/10 dhan leabhar seo. Cha do chord e rium o chionns gu bheil mi a’ smaoineachadh gun robh e airson balaich o chionns gun robh uiread a tachairt ann!!!

Artaigeal le: Pollaidh NicGhriogair
Chopper
Leugh mi an leabhar “Chopper” le Iain F. MacLeòid.
Tha an leabhar mu dheidhinn Joe, fear camara is na tachartasan a th’ aige. Tha Joe air a bhith a’ filmeadh tancair ola a chaidh air creagan faisg air a’ bhaile far a bheil Joe a’ fuireach. Ach chan e tancair ola àbhaisteach a th’ ann. Tha sgudal rèidio-beò air bòrd, is tha fios aig Joe.
Is toigh leam aon loidhne aig deireadh caibideil 5, “Sin an turas bho dheireadh a chuala e bhuaipe. Chun an dràsta.” Tha Joe air phost-dealain fhaighinn bho seann charaid, ‘Jade’. Is tha e air smaointinn air an turas mu dheireadh a chunnaic e Jade. Is toigh leam seo oir tha na faclan “Chun an dràsta…” a’ toirt an sgeulachd beò dhomh.
Is toigh leam am pìos anns a bheil Joe a’ sàbhaladh balach a thuit sìos na creagan faisg air an tancair ola. Is toigh leam seo oir tha e a’ sealltainn an curaidh a th’ ann an Joe. Dh’ fhàgadh an obair cunnartach seo gu na poileas. Oir tha feum aig Joe a dhol gu bonn na creagan mòra.
Ach, cha toigh leam an dòigh anns a bheil MacLeòid a sgrìobhadh. Tha pìosan den leabhar a tha doirbh ri thuigsinn. Mar ann an aon chaibideil tha Joe ann an helicopter is anns an ath chaibideil, tha Joe a’ smaoineachadh air na làithean a bh’ aige ann an Afghanistan. Ach aig an deireadh, tha a h-uile dad a’ dèanamh ciall!
Tha an leabhar math is mholainn e gu cuideigin a tha math air Gàidhlig, is cuideigin a tha ag iarraidh leabhar làn tachartasan a leughadh. Bheirinn 5 ½ a-mach à 6!
Artaigeal le: Fionn Blàrach S2
Leirmheas air “Chopper”
Tha mise a’ dol a sgrìobhadh mu dheidhinn leabhar leis an t-ainm “Chopper”. Sgrìobh Iain F. MacLeòid an leabhar seo.
Tha an leabhar seo mu dheidhinn fear chamara air a bheil an t-ainm Joe. Tha Joe a’ filmeadh tòrr rudan iongantach. Ach air bòrd bata mòr tha Joe a’ faicinn rud uabhasach inntinneach.
Tha toiseach an leabhar seo uabhasach spreodach. Tha e cho spreodach oir thuit Joe a-mach às an heileacoptair ach shàbhail crios e. Mar sin bha mi a’ smaoineachadh gur e toiseach math a bh’ ann ‘s bha mi ag iarraidh a chumail orm a leughadh.
Bha mise a’ smaoineachadh gu bheil an leabhar a’ fàs nas fheàrr faisg air an deireadh, oir bha barrachd a’ tachairt. Ach ghabh mi truas air Eachann oir thuit e sìos an staidhre ‘s thuigsinn gun do ghoirtich e e-fhèin.
Bheir mise 8/10 don leabhar seo. Bha mise a’ smaoineachadh gun robh tòrr a’ tachairt anns an leabhar seo ach cha robh na h-iar-bhoillsgeadhan ro mhath. Mholainn an leabhar seo gu daoine eile.

Artaigeal le: Rogan MacCoinnich S2
Chopper
‘S e nobhail ghoirid a th’ ann an “Chopper” a sgrìobh Iain F. MacLeòid. Bu toil leam mo bheachdan air an sgeulachd a thoirt seachad.
‘S e am prìomh caractar anns nan sgeulachd Joe agus ‘s e fear togail-dhealbh a th’ ann. Aig an toiseach tha Joe ann an Helicopter a’ filmeadh bata ola air an Eilean a bha a’ dol fodha. Tha Joe a’ faighinn a-mach gun e sgudal rèidio beò, bho Iapan, a bha air a bhata. Tha e a’ dol dhan bhata air an oidhche agus a’ tarraing dealbhan math. Tha na dealbhan aige anns na naidheachdan an ath mhadainn agus tog a h-uile duine fianais nan aghaidh.
‘S e am pìos a b’ fheàrr leam nuair a fhuair e a-steach agus a-mach as a bhata, chleachd e nafar de gunna airson fhaighinn a-steach agus leum e dhan uisge airson a fhaighinn air ais agus bha e car coltach ri “James Bond”.
‘S toigh leam cuideachd mar a tha an sgrìobhadair a cumail an luaths anns an sgeulachd. Nuair nach robh mòran a’ tachairt bha tòrr mion-chunntais ann. Ach far an robh tòrr a’ dol bha nas lugha de mion-chunntais ann.
‘S e an aon rud nach do chord rium mu dheidhinn an sgeulachd, ‘s e gun robh tòrr iar-bhoillsgeadh aig Joe. Cha robh iad inntinneach mar an còrr den leabhar.
Tha an leabhar seo uabhasach math agus inntinneach. Bheir mi 8/10 dha. Tha pìosan ann nach eil ceangailte ris an sgeulachd agus tha beagan doirbh-labhrach. Ach bhiodh na pìosan math nan robh nas lugha air sgrìobhadh mun deidhinn. Ach air fad, chord e rium gu mòr, agus mholainn e ris a h-uile duine.

Artaigeal le: Ruairidh MacGilleathain S2
Leirmheas air Chopper
Tha mise a’ dèanamh leirmheas air an leabhar “Chopper” le Iain F. MacLeòid.
Tha an sgeulachd seo mu dheidhinn Joe. ‘S e fear togail-dealbh a th’ ann an Joe. Aig toiseach an sgeulachd tha Joe ann an heileacoptair a’ togail dealbhan de duine a tha glacte ann am bata. Tha an sgioba heileacoptair a’ feuchainn a shàbhaladh. Rinn Joe agallamh leis a BhBC, CNN, ITN agus Sky. Fhuair e dealbhan nach b’ urrainn duine eile fhaighinn. ‘S e fear togail dealbh math a bha ann, ach tha uilebheist as a dhèidh agus tha e a’ feuchainn ri ruith air falbh bhuaithe.
‘S e Joe an caractar as fheàrr leam o chionns gur e duine gaisgeil a bh’ ann nuair a bha am balach glacte ann an tancair “Na seall sìos, bidh duine a ràdh. Sheall e sìos”. Agus tha Joe a’ cumail a’ dol suas an ròpa.
Bha an leabhar seo gu math doirbh a leantainn agus bha tòrr iar-bhoillsgeadh ann agus bha e duilich a thuigsinn o chionns gu robh tòrr faclan doirbh ann.
Bheirinn 3/10 gu an sgeulachd seo o chionns gu robh e doirbh a leantainn.
Artaigeal le: Elijah Wilson S2
“Chopper”
‘S e “Chopper” an tiotal air an leabhar a tha mi a’ dèanamh airson leirmheas le Iain F. MacLeòid.
Anns an leabhar seo ‘s e “Joe a phrìomh charactair. ‘S e fear camara a th’ ann airson “Frontrow.” Bha uilleag ola ann agus bha Joe a’ dol thuige airson dealbhan fhaighinn dheth. Aon latha bha e anns a char agus chunnaic e balach a bha a’ dol airson cuideachadh fhaighinn agus dh’ fhaighnich e airson cuideachadh bho Joe sìos dhan tancair a choimhead airson am balach agus chunnaic e druma leis an comharradh niuclasach. Tha Joe anis a’ coimhead anns an tancair airson na drumaichean.
Bha am pìos aig an deireadh caibideil ochd nuair a tha e ag ràdh; “Aig bonn na staidhre bha an dithis fheiceadan. Agus cha robh dòigh eile air faighinn a-mach.” Uabhasach math oir tha e ann an droch suidheachadh.
Tha an iomradh mìorbhailteach oir tha e ag ràdh “a plubadaich mar sgadan ann an peile” agus tha sin a ciallachadh gun robh na tonnan uabhasach dona agus gun robh am bata a’ dol suas is sìos.
Mholainn an leabhar “Chopper” oir tha tòrr a’ tachairt ann. Bheirinn dha 8/10.

Artaigeal le: Ruairidh MacGilleathain S2
Leirmheas air Chopper
Tha mise a’ dèanamh leirmheas air an leabhar “Chopper” le Iain F. MacLeòid.
Tha an sgeulachd seo mu dheidhinn Joe. ‘S e fear togail-dealbh a th’ ann an Joe. Aig toiseach an sgeulachd tha Joe ann an heileacoptair a’ togail dealbhan de duine a tha glacte ann am bata. Tha an sgioba heileacoptair a’ feuchainn a shàbhaladh. Rinn Joe agallamh leis a BhBC, CNN, ITN agus Sky. Fhuair e dealbhan nach b’ urrainn duine eile fhaighinn. ‘S e fear togail dealbh math a bha ann, ach tha uilebheist as a dhèidh agus tha e a’ feuchainn ri ruith air falbh bhuaithe.
‘S e Joe an caractar as fheàrr leam o chionns gur e duine gaisgeil a bh’ ann nuair a bha am balach glacte ann an tancair “Na seall sìos, bidh duine a ràdh. Sheall e sìos”. Agus tha Joe a’ cumail a’ dol suas an ròpa.
Bha an leabhar seo gu math doirbh a leantainn agus bha tòrr iar-bhoillsgeadh ann agus bha e duilich a thuigsinn o chionns gu robh tòrr faclan doirbh ann.
Bheirinn 3/10 gu an sgeulachd seo o chionns gu robh e doirbh a leantainn.




