Skip to content

comp

Tha co-fharpaisean sònraichte math gu bhith aig Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig aig a’ Mhòid am bliadhna. Tha co-fharpais airson clann anns a’ bhunsgoil ann agus tha co-fharpais eile airson daoine anns an àrdsgoil. Leugh an seo airson barrachd fhiosrachaidh! tv2

Co-fharpais Bhunsgoil

Tha an co-fharpais seo fosgailte do clann sa bhun-sgoil, agus gheibh an neach-buannachaidh TV/DVD combo sgoinneil! Carson nach tig thu gu bòrd Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig seachdain a’ Mhòid gus an co-fharpais a dh’fheuchainn? Tog foirm “Tòimhseachan nam Facal”, cuir d’ ainm, aois, seòladh, sgoil , clas is ainm an tidseir agad air. Thoir dhuinn air ais e aig a’ bhòrd nuair a tha thu deiseil. Thèid an neach-buannachaidh a thaghadh ann an oifis Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, an Steòrnabhagh, air 25 Dàmhair 2006. Gur math a thèid leat!

 

Co-fharpais Àrdsgoil

tv3An toir thus’ gàire oirnn? Tha co-fharpais ann do sgoilearan anns na h-àrd-sgoiltean is b’ urrainn dhut Play Station Portable mìorbhailteach a bhuannachadh. Airson greim fhaighinn air an duais, seo na dh’fheumas tu a dhèanamh. Sgrìobh sgeidse Gàidhlig èibhinn (mu 250 facal) air a’ chuspair “X-Factor na Gàidhlig!!!” Cuir d’ ainm, aois, seòladh, sgoil, clas is ainm an tidseir agad air.

Cuir a h-uile rud thugainn tron phost gu: Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, Taigh Shìphoirt, Rathad Shìphoirt, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais, HS1 2SD, ro Dihaoine 20 Dàmhair 2006. Thèid an neach-buannachaidh a thaghadh air 25 Dàmhair 2006.

 

Sa bheurla