Coimpiutairean 
Coimpiutairean. Na innealan a dh’atharrachadh an t-saoghal. Tha iad a deanamh a h-uile sian nas fhasa dhuinn. Nach eil?
Tha mi cinnteach gu bheil ‘hidden icons’ agaibh air mullach an deasc (desktop) an àiteigin. A bheil fhios agaibh carson a tha iad a faileach? Chan ann airson an aite a chumail sgiobalta a tha e idir. Tha iad ri mì-mhodh, a’ fiachainn ri rudan a bha ag obair an dè a bhristeadh an duigh.
Innse iad dhut gu bheil feum agad air download ùr fhaighinn. Carson? Chan eil dad cearr air a chiomputair mar a tha e! Is carson a feumas tu restart a dheanamh nuair a tha e deiseal? Nuair a dh’ionnsaicheas mise rud ùr, chan eil agam ri dol a chadail mus cleachd mi e!
Bidh filichean a faileach cuideachd. Ach chan eil iadsan ri fealla-dha. Tha an eagal orra. Tha fhios againn uile gu bheil iad gun-fheum, is theideadh an cuir anns a bhine ma ghaibh sinn greim orrra!

Chan eil ach aon rud air ciomputair air a bheil a h-uile duine eolach. Se sin Solitaire! Tha fhios gu bheil thu air Solitaire a chluich nuair a bha coir agad a bhith ag obair. Cò comma mu aithisg nuair a dh’fhaodadh tu a bhidh a cluich le cairt? Ach a nise tha Spider Solitaire ann! Se beathach feargach, eagalach a tha ann! Tha mise air a bhidh ga chluich fad an latha. (Airson research!) Chan eil mi a smaoineachadh gu bheil riaghailtean ann idir. Rinn mi a chuis air furasta, ach meadhanach? Chan eil mi fiù ‘s ga thuigsinn!
Agus an ‘Control panel’. A bheil sibh a faireachdainn ann an control sam bidh nuair a tha thu a coimhead anns an aite sin?! ‘Category view’ neo ‘classic view’. Caite bheil an ‘simple view’? Bha microphone agam a bha ag obair direach sgoineil. Ach bhriste e. Chan eil fhios ‘m carson, ach sin mar a tha. Chaidh mi air an eadar-lion airson doigh fhaighinn a chàireadh. Bha agam ri Control Panel fhosgaileadh. Chaidh mi air chall anns an aite uabhasach sin! Chan eil ach uinneagan am broinn uinneagan ann! Tha e a cuir an t-eagal orm.
Chan eil mi a tuigsinn Spyware no Virus protection nas motha. Faodaidh tu a bhidh cinnteach nuair a tha rudeigin cudromach agaibh ri dheanamh gum bidh virus scan a tighinn suas is a deanamh an ciomputair agaibh cho slaodach sa ghabhas! Tha mi cinnteach gu bheil e cudromach – chan eil mi ag iarraidh Trojan a bhidh a faileach anns na documents agam – ach nach biodh e nas fhearr virus scan a dheanamh aig meadhan oidhche, nuair nach eil mi a cleachdadh an ciomputair?
Tha ciomputairean feumail. Tha iad math airson bruidhinn ri daoine, is tha an eadar-lion caran addictive. Ach nach bu choir na ciomputairean againn a bhidh beagan nas ciallaiche?




