Skip to content

Artaigeal le: Le Barabal NicGhilleathainn

An t-Each

Ma ‘s e neach a th’ annad a tha a’ dèanamh air each agus ma tha thu ag iarraiddh each fhaighinn tha beagan comhairle agam dhut!

Chan e rudeigin a th dìreach airson na nollaig no do cho là breith a th’ ann an neach. The feum agad an t-uamhas ùine a’ chosg comhla riutha. Air na laithean sgoile tha feum agad eirigh gu math trath airson deoch uisge a thoirt dhan each agus a thoirt a-mach airson cuairt.

Tha each a’ cosg an t-uamhas airgid, s’ an uairsin tha feum agad am biadh a cheannach, s’ an stuth airson an eich, mar an diollaid agus na cunntasan aig lighichte a phàigheadh. Ma tha dìreach aon each agad chan eil teagamh ann gum fàs an t-each agad aonaranach. S’an uair sin bidh an t-each agad gu math brònach. Nuair a tha thu a-muigh air an each agad, tha e gu math doraineach agus tha thu a’ fas aonaranach o chionn ’s nach eil cudeigin comhla riut. Tha e math nuair a tha thu a’ toirt caraid no cudeigin nad theaghlach comhla riut.

The feum agad ris an each a chùmail sgiobalta. A-reir dè seorsa each a th’ agad, tha feum agad ris an each a ghilleadh. Uaireanan tha feum agad ri cruadhan a chur air an each agad nuair a tha iad a’ coiseachd air an rathad no grinneal oir ‘s urrainn dhaibh na casan aca a ghoirteachadh.

Tha feum agad a bhith gu math laghach nuair a tha ag obair leis an each agad o chionn ‘s gum feum an t-each gaol fhaighinn. Ma tha thu a’ sealltainn gaol dhan each agad, chan eil teagamh ann gun toireadh an t-each agad ghaol air ais dhut. ‘S e caraid math a th’ ann an each agus tha an t-each air a bhith gar cuideachadh airson linntean mora agus tha iad fhathast ar caraidean. Tha iad daor ach is fhiavh a h-uile sian airgead agus a h-uile pios obair a tha thu a’ cur ann airson an coimhead as an dèidh.