Skip to content

Artaigeal le: Eilidh NicFhraing

Mi Fhìn ann am Fichead Bliadhna

Chan eil e idir soirbh a ràdh càit’ am bi mi ann am fichead bliadhna bhon diugh. Ach fhad’s nach tig am pìos sgrìobhaidh seo a thadhal orm nuair a tha mi trithead ’s a dha (agus a’ dèanamh rudeigin air leth diofraichte bho na bha mi ‘n dùil aig aois a dhà dheug), bheir mi tuairmse air na ni mi anns na bliadhnaichean a tha romham.

Tha mi an dòchas cuideigin àrd, dorcha is eireachdail a phòsadh a tha comasach air “hovering” a dhèanamh (‘s beag orm am fuaim a bhios iad a dhèanamh – cho cinnteach ’s a tha mi beò chan atharraich a ghràin a tha seo gu brath).

Nuair a thig e gu clann chan urrainn dhomh càil a ràdh gu deimhinne. Feumaidh mi chànail an-dràsta ge-tà, tha càil fo bhliadhna a dh’ aois a’ cur eagal mo bheatha orm. ‘S dòcha mun àm a ruigeas mi trithead ‘s a trì gum bi mo phreasa aodaich glè eòlach air “maternity wear”. A thaobh obair chòrdadh e rium gu mòr a bhith nam Trinny no Susannah agus a’ ceartachadh na mearachdan aig an dùthaich a-rèir an aodach. Le bhith fìrinneach rium fhìn chan eil e uabhasach coltach gum bi mise air m’ aithneachadh air fead na dùthcha mar eisimpleir de mar bu chòir dhut a bhith ga do sgeadachadh fhèin agus mar nach bu chòir. Mar sin tha mi a’ smaoineachadh gum bu chòir dhomh màthadh a dhèanamh ris a’ phlana agus tè eile a chruthachadh, tè a tha biodag nas buailteach ri tachairt.

Bhitheadh obair aig iris a leithid Glamour no Vogue dìreach na àirdeas de dh’ iomlanachd dhomhsa. Cha b’ urrainn dhomh faighneachd airson càil nas fhèarr aig an ire seo. Bhitheadh m’ aislingean agus mo bheatha còmhnard taobh ri taobh.

‘S docha, ma bha mi ga fhaireachdainn duilich bith-beò a dhèanamh anns an obair seo a-mhàin gun deanainn oidhirp air a’ ‘phroperty ladder’ a shreap. An uairsin ma thèid mo chùrsa-bheatha mar sgrìobhadair-fasan ceàrr bith seo fodham mar chluasag airson mo dhìon. ‘S ma nì mi gu leòr buannachd bho bhith a’ ceannach thaighean, gan deanadh nas fhèarr is gan reic a-rithist, tha mi a’ smaointinn gun ceannaich mi tè (no dhà) dhomh fhìn. Cha chuirinn sìos chateau anns na h-Alps no apartment ann am Paris no flat air Sràid Oxford no villa anns an Eadailt…! Co-dhiù ‘s fhèarr dhomh stad, chan eil deireadh ris an liosta seo fhathast is cha bhi airson ùine math ri thighinn!

An uairsin bhitheadh mo dhòchasan gun teagamh tearainte teann. Cumaidh mi greim teann air a’ Ghàidhlig. Cha leig mi às I gu siorraidh oir ma spreadhas a h-uile càil eile air ais nam aodann tha mi cinnteach gum faigh mi obair anns an t-Sabhal Mhòr aig Cànan, Comunn na Gàidhlig no an àiteigin dhen t-seòrsa sin.

Chan eil mi fhathast ach dusan bliadhna agus mi cho teagmhach agus m’ inntinn ag atharrachadh mar ‘ugh air truinnsear’. Thèid a’ phlana seo atharrachadh gu mòran chruthan mus bith mise toilichte leis ach tha dà rud gu deimhinne cinnteach – Bith Gàidhlig agam agus bith gràdh dhomhainn agam do bhrogan!