Artaigeal le: Pavlos
Foighidinn
'S e film Gàidhlig, goirid, mìorbhailteach a th' ann an Foighidinn a rinn an
riochdaire againn fhìn ann an Slèite, Chris Young. Thoisich obair air an fhilm
tràth sa bhliadhna seo, anns a' Mhàirt. Bha gach pàirt air an fhiolmadh anns an
Eilean Sgitheanach, mòran pàirtean ann an Slèite agus pìos beag air Sgur Dearg
anns na Cuileann.
'S e Chris a rinn an rannsachadh airson an fhilm ach 's
e Simon Miller à Lunnainn a rinn an stiùireadh air a shon. 'S e “dead man’s
shoes” an t-ainm air an companaidh film aig Simon shìos ann an Lunnainn,
dh’fhaodadh tu a tadhail an làrach-linn aige: www.deadmansshoes.com.
'S e film beag fìor a th’ann agus chunnaic mi-fhìn an fhilm mus deach e
airson deasachadh. Tha am film a' ruith airson mu còig deug mionaidean agus tha
e stèidhichte anns an ochdamh linn. Tha e a' tòiseachadh le bodach aosda na
chadal air sèithear ri taobh an teine air Oidhche na Nollaig is tha e a' glacadh
na iar-ogha aige a' feuchainn ris na tiodhlacan aca a ghoid mus tig latha
Nollaig. Tha na clann nan suidhe sìos agus tha am bodach ag innse stòiridh mòr
aosda mu dheidhinn foighidinne is gaoil.
'S e actairean bhon eilean
fhèin a bha an sàs anns an fhilm, cha do chleachd iad actairean proifeiseanta
idir. Chaidh mi fhìn is mo theaghlach dhan na deuchainn-chluiche is fhuair sinn
uile pàirtean. 'S e fear Gearmailtis a bh' annam, aon dhe na bràthairean aig a'
phrìomh caractar – am “mac a bu shine”. Ged a bha pàirt uabhasach beag agam is
ged nach do bhruidhinn mi idir, bha mi fhathast air a ghearradh a-mach nuair a
rinn iad an deasachadh! Ach bha e gu math inntinneach a bhith air an taobh eile
den camara is a' coimhead agus a' feuchainn ri sùil a chumail air na mìltean de
rudan a bha a' tachairt aig an aon am.
Rinn Chris cinnteach gun robh
iomadh duine proifeiseanta mun cuairt agus bha iad dha-rìribh! Bha "Make-up
artist" an seo is Deasaiche fuaim an sin agus "Costume Designer" thall an sin!
Dh'ionnsaich mi tòrr nuair a bha mi dìreach nam sheasamh a' coimhead air na
rudan a bha tachairt timcheall orm.
Bith am film air an telebhisean air
oidhche na Nollaig am bliadhna.




