Skip to content

Gòrdan MacIlleDhuinn

’S docha gu bheil sibh air mothachadh gu bheil prìomhaire ùr againn agus gur e Albannach a th’ ann. Cluinidh sinn gu leòr mu dheidhinn anns na mìosan is bliadhnaichean a tha romhainn, tha mi cinnteach, ach dè cho eòlach ’s a tha sibh air Gòrdan MacIlleDhuinn an-dràsta?

’S ann à Cathair Challdainn (Kirkcaldy) ann am Fìobha ’s a tha e agus chaidh e gu Àrd Sgoil Kirkaldy far an robh deagh ainm aige a thaobh obair acadaimigeach agus spòrs. Ann an 1967, nuair nach ro e ach 16, thòisich e aig Oilthigh Dhùn Èidinn agus e an oileanach as òige ann.

Cheumnaich e ann an 1972 agus dh’obraich e airson ùine mar neach-teagaisg agus ann an telebhisean aig STV mus do thòisich a bheatha ann am poileataigs, mar bhall-phàrlamaid airson Dùn Phàrlain an Ear ann an 1983.

Bha e gu math soirbheachail anns an obair aige, ged a bha na Tòraidhean a’ ruith na dùthcha aig an àm, agus nuair a bhàsaich John Smith, a bha os cionn a’ Phàrtaidh Làbarach, ann an 1994, bha mòran a’ smaoineachadh gur e Gòrdan a bha a’ dol a dh’fhaighinn an obair.

’S e Tony Blair a fhuair an dreuchd ge-tà, agus tha mòran a’ smaoineachadh gun do dh’aontaich Gòrdan leagail le Tony seo a dhèanamh fhad ’s a sheasadh e sìos às dèidh ùine airson leagail le Gòrdan a bhith na cheannard air a’ Phàrtaidh agus Prìomhaire Bhreatainn. Ma tha seo fìor, bha aige ri fuireach 13 bliadhna air a shon.

Fhuair e an cothrom a bhith na Sheansalair (Chancellor of the Exchequer) ge-tà, agus tha mòran den bheachd gun do rinn e fìor mhath anns an dreuchd seo, leis an eaconomaidh gu math fallainn, agus nas lugha de dhaoine gun obair na bh’ ann nuair a thoisich e.

’S e rud uile gu lèir diofraichte a bhios ann ann a bhith a’ ruith na dùthcha air fad ge-tà agus tha obair mhòr air a bheulaibh. Chan eil cùisean air a bhith buileach cho fallain anns a’ Phartaidh Làbarach às dèidh a’ chogaidh ann an Iraq agus bidh aig Gòrdan ri dèiligeadh ri Partaidh Tòraidheach a tha a-nis gu math mòr-chòrdte fo David Cameron.

Chan fhaod sinn an-dràsta ach feitheamh ge-tà agus tha mi an dùil gum bi ùine ann mus fhaod sin beachdachadh air dìreach dè cho soirbheachail ’s a bhitheas e mar phrìomhaire.

Cuir beachdan thugainn aig deasaiche@sgleog.com