Skip to content

Granaidh Mave ann an Canada

Dh' fhaighnich cuideigin do Mave Paterson dè bha i airson dèanamh airson a cò-la-breith. “Uill,” thuirt i, “Bha mi riamh airson Canada fhaicinn.”

Math gu leòr chanainn, aig aois seachdad (70). Saor-laithean a ghabhail an àiteigin bhreagha, ag ithe biadh math, a' gabhail beagan fois, a' dèanamh na rudan a dheanadh luchd-turas sam bith. Chòrdadh e rium fhein glan.

Ach chan e sin idir na tha fainear do 'Granny Mave' mar a th'aca oirre.

An àite fois, sàmhachair agus saor-laithean, tha i gu bhith a' siubhal bho cost an iar Canada gu cost an ear – air baidhsagal!

grannymave

Tha i ga dhèanamh gus airgead a thogail do bhuidhean MacMillan.

'Se buidheann-taic a th'ann an MacMillan. Bi iad a cuideachadh daoine aig a bheil aillse agus an teaghlaich, agus tha iad cuideachd a teasaig mun ghalair. Gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh aig, www.macmillan.org.uk

'Si boireanach air leth trang a tha Granny Mave, rinn i ceithir fichead mìle ann an canoe an uiridh, agus coig bliadhna air ais 's i turas baidhsagal eile ann an Uganda, rinn i an àrd inntinn Beinn Kilimanjaro a streap “air sgath's gu robh i ann”!

Thoisich an turas seo seachdainn air ais, agus ma tha ùidh agad ann an turas Granny Mave, tha làrach lìon aice aig www.grannymave.co.uk

Tha blog aice cuideachd - grannymavecan.blogspot.com , agus mur a robh sin gu leòr, tha i air YouTube cuideachd! Gabh sùil aig youtube.com/user/grannymave

supergran-bikes

Tha Sgleog a smaointinn gu bheil an t-àm ann gun tàinig Supergran air ais dhan BhBC le Mave sa prìomh pàirt!!

Rhoda Meek, gaeliconline.co.uk airson Sgleog.com