Skip to content

Artaigeal le: Aonghas MacLeòid

Hero (12)

hero1Cò na gaisgich agus bana-ghaisgich anns a latha a th’ann? Bidh cuid a’ toirt spèis do cuideigin leithid 50 Cent no Ellen NicArtair, ach a bheil iad airidh air moladh mar ghaisgich dha-rìribh?

Gus mìneachadh air an seòrsa beatha a bu choir a bhith aig gaisgeach, thoir sùil air am fiolm ‘Hero’ a tha ri fhaighinn air DVD anns na bùthan an dràsda - bidh beachd eadar-dhealaichte agad mu Daibhidh Beckham an uairsin.

Tha am fiolm seo stèidhte air sabaid agus seanchas agus abair thusa gu bheil seallaidhean iongantach de shabaid ri fhaicinn ann. A bharrachd air sabaid air an talamh tha beagan buaireadh air an iteag cuideachd - coltach ris an seòrsa dol a-mach a bha ri fhaicinn anns am fiolm ‘Crouching Tiger, Hidden Dragon’ agus ma chòrd am fiolm sin riut, còrdaidh am fear seo dhut a cheart cho math agus barrachd.

’S ann an Sìona a tha am fiolm seo stèidhte, mus tàinig an t-iompaireachd gu bith bho chionn dà mhìle bliadhna. Aig an àm sin bha sia rìoghachdan na dùthcha aig uganan a chèile agus iad uile a’ feuchainn ri cur as dhan Rìgh a bu chumhachdaiche den uachdranach Qin.

hero2Aig toiseach am fiolm chaidh iarraidh air an laoch gun ainm ‘Nameless’, a tha air a chluich le Jet Li, coinneachadh ris a’ Righ. Tha aige ri innse dhan Rìgh mar a chur e as dhan triùir nàimhdean aige a bu chunnartaiche agus a b’ealanta – Flying Snow, Broken Sword agus Sky.

B’ e seo a’ chiad fiolm den t-seòrsa a sgrìobh agus a’ stiùirich Yimou Zhang. Tha e gu math dèidheil air an nòs seo ge tà agus gus an sgeul aige a thoirt gu bith, tharraing e na daoine a bu chomasaiche ri fhaighinn còmhla ann an saoghal am fiolm.

’S e dealbh anabarrach math a tha seo, le sabaid sgileil, sgeulachd dathach agus drùidhteach a dh’innseas mun chòmhstri eadar dìoghaltas agus gliocas, uile air an toirt ri chèile le seallaidhean eireachdail agus ceòl buadhmhòr.

hero3

Chomhairlichinn dhut ‘Hero’ fhaicinn anns a bhad.

Sgòr Sgleog: 9/10