Artaigeal le: Sgleog
Looper

Tha còmhlan-ciùil à Alba air tòrr airgead a dhèanamh a-mach à sanasachd agus filmichean anns na Stàitean Aonaichte. Tha an còmhlan, Looper stèidhichte ann an Glaschu agus as dèidh an òran, Mondo 77 aca a bhith anns an fhilm, Vanilla Sky aig Tom Cruise, tha an companaidh Xerox a’ cleachdadh an t-òran a-nise airson sanas telebhisean aca. Thòisich Stuart Donald bhon còmhlan, Belle and Sebastian, an còmhlan Looper cuideachd agus thuirt e fhèin gu bheil iad air barrachd is £500,000 a dh’ fhaighinn leis an òran.
Tha an còmhlan air
na h-òrain aca a chur air an làraich an àite air CD. Faodaidh tu na h-òrain aca
a dh’ fhaighinn air an làraich saor ‘s an asgaidh agus tha an còmhlan an dùil
gum bi clàr slàn aca a dh’ aithghearr!




