Skip to content

Paris Hilton: A’ dol dhan Phrìsean!

Tha e coltach gum bi Paris Hilton, tè bhon phrògram Simple Life agus nighean aig Rick Hilton, oighre na taighean-osda Hilton, a’ dol dhan phrìsean.

Thug am poileas greim oirre aon oidhche an-uiridh nuair a bha e a’ draibheadh le deoch oirre. Seo an darna rabhaidh a bh’ aice oir bha am poileas air stad a chur air an cead draibhaidh aice aig toiseach an-uiridh agus bha i fhathast a’ draibheadh, a’ bharrachd air an sin bha deoch oirre.

Bha i a’ coimhead misneachail a’ dol dhan chuirt an t-seachdainn sa chaidh ach nuair a chuala i an seantans aice thòisich i a’ coinneadh agus bha am mathair ag eigheachd anns a’ chuirt! Tha e coltach a-nise gu bheil an seantans aice beagan nas lugha as dèidh cuis-thogail a dhèanamh ach tha am ban-oighre gu a’ dol dhan phrìsean gu deimhine. Tha ron rud cinnteach - cha bhith feum aice air tiara anns a phrìsean!

Dè do bheachd air an sgeulachd seo? A bheil thu den bhachd gun robh e ceart nach robh iad ga leigeil dheth dìreach air sgath ‘s an teaghlach aice? No a bheil thu den bheachd gun robh iad a’ toirt seantans nas miosa dhith air sgath ‘s gur e Hilton a th’ innte?

Cuir beachdan thugainn aig deasaiche@sgleog.com